Seumas Mhigi Shandraidh 'ic Dhòmhnaill
Pòn na Maiseadh, Siorramachd Ceap Breatainn
Nuair a chluinneas duine a dh’aithnicheas an t-ainm, ‘Jimmy Mick Sandy’, smaoinichidh e air coimhearsnachd Pòn na Maiseadh aig an aon àm. Rugadh e do Mhìcheal is do Mhairead a bhean, càraid aig an robh sianar mhac is sianar nighneagan, agus chuir e seachad fad a bheatha 's an taigh a thog athair bho chionn còrr is ciad bliadhna. An sin, chum e tuathanachas-bainne, dh’obraich e mar shaor, agus thog e teaghlach. Cuideachd bha a thàlantan mar fhear dha ‘m b’urrainn faìstneachd-uisg’ a dhéanamh air an luachachadh air fad. B’e fìdhlear is seanchaidh a bh’ann an athair MhicNèill a chaidh a chlàrachadh le Iain Lathurna Caimbeul agus MacEdward Leach, dithist a bha ainmeil a thaobh beul-aithris a chruinneachadh. Bha a mhàthair de shliochd inn-imriche Éireannaich a ghabh a-steach gu luath dha na nàbaidhean Albannach 's an àite. 'S e duine àrd a th’ann, le suim anns a’ bheul-aithris dhualchasach dhe choimhearsnachd; agus a-nis tha e a’ fuireachd le teaghlach a mhic shios a’ rathad bho sheann dachaidh ri taobh an uisge.'S toil leis càirdean tighinn air chéilidh air ‘s an t-seòmar an toiseach an taighe, far a bheil àirneis a thog e le làmhan fhéin 's far as urrainn dha coimhead a-mach air a’ choimhearsnachd air a bheil e cho eòlach. Seallaidh e le pròis dha luchd-tadhail dealbhan a oghaichean. - Seumas
Agallamh air a dhèanamh le Goiridh Dòmhnallach
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Sultain 2, 2006
Total Play Time: 01:07:30
00:00 ainm na coimhearsnachd agus tinnsgeadal na coimhearsnachd.
01:55 Na daoine a thànaig anall; Dh’ionnsaich Jimmy a chuid Bheurla ann an 1926. Fhad ’s a bha e ag éirigh suas, b’ i a’ Ghàidhlig a bhruidhneadh ’s an teaghlach
04:22 cia mheud a bha ’s an teaghlach
05:48-07:15 saorsinneachd; b’e tuathanach a bha ’na athair. Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
07:57 ainmean airson innealan.
10:00 roinnean an taighe
18:00 bràthraichean is peathraichean
18:52 teaghlach a mhàthar
20:10-25:10 sloinneadh; fìdhleirean; dannsaichean, b’ fheàrr leis an t-seann chuideachd na ruidhlichean Seallaibh | Éisdibh
25:15 an taigh-sgoile
26:18 bhruidhneadh na sgoilearan a’ Ghàidhlig ri chéile
27:48-28:27 a’ coiseachd dha ’n eaglais; a’ coiseachd gu Baile Shudni Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
29:20 a’ trasg
30:32 ag ùrnaigh a’s a’ Ghàidhlig
33:33 an cidsin, an seòmar-ithe
34:30 an ceann shios
35:36-39:27 a’ dèanamh na h-éisdeachd, sgleogan Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
39:41-41:58 ainmean air rudan; lobhta a’ chidsin Seallaibh | Éisdibh
43:19 aodach cloinne
44:00-45:02 an t-eadar-dhealachadh eadar briogais agus triùbhsair Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
45:38-47:04 nuair a dh’eugadh cuideigin, am faire anns an taigh Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
50:45 cisteachan-laighe
52:45 cisteachan-laighe airson cloinne
53:44 mór-shiubhal an torraidh
54:52 na ràithean; a’ dèanamh bùidsearachd ri atharrachadh na gealaich; a’ sailleadh rudan; a’ crochadh mucan; a’ còcaireachd, ainmean glasraich; a’ beannachadh sìol