banner
left border

 

 
Ceitidh Magaidh NicDhomhnaill bean-phòsda MhicLeòiod
Switch to English
Speakers List
 Srath Mhargairidh, Siorramachd Inbhirnis  Aite Breithe
Ceitidh Magaidh NicDhomhnaill bean-phòsda MhicLeòiod
Ceitidh Magaidh ni'n Aonghais Ailein
Srath Mhargairidh, Siorramachd Inbhirnis

'Se boireannach calma, neo-eisimeileach a th’ann a’ Ceitidh Magaidh NicLeòid, tè air leth mar a tha an gleann 's a bheil i a’ comhnaidh 'na àite air leth. Chaidh a togail anns a' Mhaise air iomall-fairge breagh far na shuidhich inn-imrichean à Tir-mòr na h-Albainn. Dh’fhàs i-fhéin 's an seachdnar cloinne eile ann an dachaidh dhrìpeil còmhla ri buill eile dhen teaghlach. Bha a h-athair, Aonghas R. MacDhòmhnaill, na thuathanach agus na iasgair; b’e sàr sheinneadair Gàidhlig a bh’ann cuideachd. Bhiodh a màthair Seònaid, tè bho’n Rudha Fhada, a’ dol troimh cheud punnd de fhlùr gach seachdain a’ fuineadh dhan teaghlach. Tha Ceitidh Magaidh fhéin air a bhith a’ còmhnaidh ann a Siorramachd Inbhirnis fad a beatha; tha suim mhòr air a bhith aice ann am beathaichean fad a beatha cuideachd. Aig aon àm fhuair i obair a’ cur an rathaid dhùthchail an òrdugh troimh 'n eòlas a bh’ aice air èich: sin obair air nach dèanadh móran bhoireannach oidhirp aig an àm. Chuir i seachad bliadhnaichean a’ siubhal troimh ‘n t-siorramachd a’ reic iasg agus ‘cranberries’ le each agus uagon. Bidh i a’ dèanamh gàire an diugh 's i a’ smaoineachadh air nuair a chaith na h-èich aice ceithir buidhnean de chruidhean ann an mìos 's iad cho trang a’ siubhal. Na fìor Ghàidheal, tha Ceitidh Magaidh air a bhith measail air a cànain mhàthaireil a bhruidhinn bho thùs. An diugh, 's an dachaidh ann a Srath Mhargairidh far am bheil i a’ fuireachd còmhla r’a cat 's a cù, bidh Ceitidh Magaidh trang a’ sgoltadh fiodha 's a’ cur failt’ air càirdean a thig air chèilidh oirre. - Seumas

Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Samhainn 3, 2006

Total Play Time: 01:33:53

02:42 Dòmhnall Ailein Duinn, naidheachd bho Jim m’ a dheidhin
05:09 's ann ás a’ Mhaise a tha i, fàisg air a’ Chamas Leathann; có a b’ athair dhi, có a bu mhàthair dhi; có meud a bha ’s an teaghlach.
13:37-16:50 bha iad ag iasgach; b’ àbhaist dhi a bhith a’ reic iasg Seallaibh | Éisdibh
17:00 thànaig triùir bhràithrean a’ seo
19:15 tha i càirdeach do Willie Francis; té a rinn na h-òrain, daoine eile
24:22 dé na cur-seachdan a bh’ aice; na beòthaichean a bh’ aca; ag ullachadh pumpkins
31:00-34:23 nuair a chaidh i dhan lighiche Seallaibh | Éisdibh
34:24 a’ còcaireachd iasg; a’ cumail rudan ás aonais fuaradair; a’ faighinn uisge
39:00 a’ bruidhinn air a’ chat ’s a’ chù aice
42:52-45:35 tinneasan a bha mun cuairt nuair a bha i òg Seallaibh | Éisdibh
45:37 fhuair i cù uair
47:25 biadh a dh’itheadh duine tinn
49:00 Ceataidh Magaidh a’ draibheadh postaichean an fheansa
50:11 trì eich a bh’ aca
50:56 cur seachad na h-ùine a's a’ gheamhradh; a’ cluich cairtean
53:00 an cat sònraichte, agus càit an d' fhuair i an cat uair
59:50 tax collector agus an cù
1:02:09-1:06:01 bhiodh a h-athair a' gabhail òrain fad na h-ùine Seallaibh | Éisdibh
1:06:02-1:12:42 Oidhche Shamhna; pòca bainnseadh; naidheachd aig Ceataidh Seallaibh | Éisdibh
1:12:42-1:22:01 sgeulachdan; bruidhinn air na bòcain, na sìthichean Seallaibh | Éisdibh
1:22:10-1:23:45 Oidhche na Bliadhn' Ùire
1:26:25 bruidhinn mu dheidhinn an taighe; ’s ann le Gregory a bha e
1:29:29 an t-sìde
1:31:00 Santa Claus


Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An Dùbhlachd 7, 2006

Total Play Time: 1:02:49

00:01-02:22 làmh-leigheas a chaidh a dhèanadh oirre
02:30-03:42 ainmean air buill a’ chuirp Seallaibh | Éisdibh
03:51-05:26 Dorothy air an robh polio
05:27-13:28 tuillidh ainmean air buill a’ chuirp, dà naidheachd bhig Seallaibh | Éisdibh
15:30 a’ mèaranaich, a’ sreothartaich, a’ casadaich
16:16 fiar-shùilean
16:41 abairt mu dheidhinn cuideigin a bha cròsda
17:24 am pathadh air neach
17:54 casan crùbach
18:37 Dòmhnall Thormoid
19:48-26:41 naidheachdan mu Eachann Doink; An Donas Seallaibh | Éisdibh
26:42-30:41 naidheachdan Seallaibh | Éisdibh
30:42-34:09:22 fiosachd air an t-sìde fhad ’s a bha iad ri bùidsearachd, cleachdadh aotroman na muice airson leigheis; feòil; a’ dèanadh marag Seallaibh | Éisdibh
34:09:20-37:51 bùidsearachd; naidheachdan Seallaibh | Éisdibh
37:51-43:46 uain; caoraich; naidheachdan Seallaibh | Éisdibh
43:47 muinntir a’ Chamais Leathainn, Mhargaraidh, Eairdsidh Dan, Flòraidh; stòiridhean
44:49-48:56 stòiridhean Seallaibh | Éisdibh
50:32 George Buchanan; naidheachd bheag
52:00 tuillidh naidheachdan; giseagan; uisge airgid; an droch shùil
58:59 ag éigheachd air beòthaichean; naidheachdan


Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Frank King
An Céitean 15, 2008

diosg a h-aon
Total Play Time: 40:50

01:28 có i; càit an d’ rugadh i
03:00 a’ dèanadh an tì
07:13-08:58 tinneas Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
09:15-13:42 an cù a bh' aice Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
13:43 balaich air falbh anns an Iar
14:30-16:28 tinneas eile Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
16:29 tuilleadh cheistean mu thinneas agus leigheasan
17:17-20:35 an cnatan; naidheachd bho Cheataidh Magaidh; naidheachd bho Jim Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
21:28-22:00 deireadh na naidheachd Seallaibh | Éisdibh
22:02 Ceataidh Magaidh agus naidheachd mu na Pròstanaich
23:32 a’ càradh na leapa
24:46-33:38 buill a’ chuirp Seallaibh | Éisdibh
35:20-38:48 brùthan, lotan-losgaidh Seallaibh | Éisdibh
39:50-40:44 naidheachd mu Cheataidh Magaidh ga goirteachadh fhéin Seallaibh | Éisdibh


diosg a dhà
Total Play Time: 40:40

00:00 ag aithris naidheachd mu theadaidhean
01:22 an t-sìde
09:55 an gàradh, roinnean nan lùsan
19:46 a’ deisealachadh sìol; Latha Buidhe Bealltainn; manaidhean
24:00 creileagan; naidheachd aig Céataidh Magaidh; meanbh-fhrìdeachan
28:19 naidheachdan
30:38 a’ bruidhinn mun tì, a’ gabhail srùbag
35:47 naidheachdan
38:14 an naidheachd a bh’ aig Jim


diosg a dhà
Total Play Time: 41:00

00:41 sgeul beag a bh’ aig Jim mu na trì pearsachan ann an Dhia
02:29-03:25 naidheachd Ceataidh Magaidh Seallaibh | Éisdibh
03:30-06:14 naidheachd Ceataidh Magaidh mun ro-shealladh-bhréige Seallaibh | Éisdibh
06:35 naidheachd Jim; a’ faighneachd mu chor an taighe
10:04 Jim a’ bruidhinn mu chéilidhean
14:33-21:24 Jim a’ glanadh a’ chidsin Seallaibh | Éisdibh
22:56-26:16 tuilleadh do shoithichean Seallaibh | Éisdibh


right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com