Margaret ni'n Gilleasbuig Aonghais a' Chlachair
Seastago, Siorramachd Inbhirni
'Se boireannach còir, ciùin-labhairt a th’ann am Mairead bean Iain R. Mhic’Illeathain; bidh i a’cur fàilte chridheil air a’ luchd-tadhail nuair a thig iad. Rè a h-òige ann am Mèinnean Mhàbu, bhiodh daoine a’ dèanamh cèilidh air an teaghlach gach là agus b’fheàrr dhan a h-uile duine 's a’ choimhearsnachd a’ Ghàidhlig a bhruidhinn. B’ann bho inn-imrichean à Lochabar a thainig Mairead; 's chaidh i-fhéin 's agus an seachdnar cloinne eile an togail air baile-fearainn far an robh ceòl, foghlam agus creideamh air am meas prìseil. B’e mac clachair a bha na h-athair; agus bha a màthair Seònaid na seinneadair math 's a’ Ghàidhlig agus na bean-fhuaigheil. Na h-òige, fhuair Mairead foghlam na h-àird-sgoile aig a’ chlochar ann am Màbu, aig an aon àm a’ cuideachadh leis an obair làitheil. Ceann nan seachdainnean dh’fhaodadh a faighinn aig na dannsan far am biodh fìdhlearan leithid Dhòmhnaill Aonghais Pheutoin agus Màiri Alasdair Raghnaill a’ cluich. Bu toil leatha a bhith ag ionnsachadh fad a beatha; mar sin, chòrd an sgoil rithe 's mu dheireadh choisinn i teisteanas-teagaisg. Àireamh bhliadhnaichean, rinn i teagasg ann a sgoiltean aon-seòmair air feadh na siorramachd, a’ faighinn biadh 's cuid oidhche le muinntir an àite agus an tuarasdal a b’ urrainn dhan choimhearsnachd a phàigheadh. Nuair a bha i a’ teagasg anns a’ Rudha Fhada, thachair i r’a cèile Iain R. Mac’Illeathain. Thog iad teaghlach agus bha iad trang a’ cumail stòr le chèile 's a’ choimhearsnachd. Tha Mairead na boireannach neo-eisimeileach le creideamh làidir; bidh i a’ gabhail tlachd ann a’ ceòl na fìdhle dualchasach Cheap Breatainn agus a’ cur fàilt’ air a’ chothrom eachdraidh an teaghlaich agus a cànain mhàthaireil a’ roinn le daoine eile.
- Seumas
9 An Dùdlachd 2008 - Fhuair a’ Chomhairle an naidheachd bhochd gun do chaochail Mairearad n'in Ghilleasbuig Aonghais a' Chlachair aig aois 97. Tha a bàs 'na chall do choimhearsnachd na Gàidhlig an Albainn Nuaidh gu deimhinne agus tha i air beàrn fhàgail as a deaghaidh. Bha Mairearad 'na boireannach dhe 'n t-seann stoc (Ban-Pheutanach) a mhuinntir na Coalmines. Mar Bhana-Ghàidheal, bha i geur 'na seanachas: fiosrachail mu 'n àite 's an d'rugadh i agus na daoine dha 'm buineadh i. Mar a bu dual dhi aréir a h-àraich, bha taobh mór aig Mairearad ri ceòl na Coalmines. 'S math a bhios cuimhn’ againn air a beachdan a bhi 'gan cur an céill air ceòl Gàidhealach a' là-an diugh le deagh bhlas muinntir an àite dhe 'n t-sliochd Lochabar. Bu mhór an cuideachadh a thug Mairearad seachad gu toileach do Chainnt Mo Mhàthar aig àm a' chlàraidh gu bhi ann àm a’ gheamhraidh 2007. Bi sinn 'na comain airson a tabhartais luachmhoir gu bràcha. Fois gu sìorraidh dha h-anam.
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Samhain 10mh, 2006
Total Play Time: 1:01:00
00:58 Tha Mairead a’ bruidhinn mun taigh anns a bheil i fuireach
01:48 Mairead, cuir an aithne oirre fhèin
03:35 Far an deach a togail
04:40 Na parantan aice.
05:51 Rugadh i ann an 1911
07:14 Tha na fidhlearan agus na pìobairean a’ cluich ro luath an diugh
17:30 Ceitidh Mairead
18:09 An Craobh Mhathain ann am Mèinnein Guail Màbu.
22:00 An Craobh Mhathain ann am Mèinnein Guail Màbu.
23:00 Acarsaid MhicFhionghain.
27:08-35:20 Nuair a bha i òg; geamaichean a cluicheadh clan. Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
35:21 A’ bruidhinn mun clann aice fhèin; buth anns An Rubha Fhada
41:42-44:03 Nuair a bha i òg; nuair a thoisich am Peinnsean.
38:01 Feumaidh tu a bhith comasach air labhairt ,mus leugh thu Seallaibh | Éisdibh
44:02-49:19 Biadh air an tuathanas Seallaibh | Éisdibh
49:20 stòrean ann am Màbu.
52:00 Poit-dhubh agus uisge-beatha; daoine ann am Màbu.