Màiri ni'n Eachainn Hughie Raghnaill
Sidni, Siorramachd Ceap Breatainn
Rè linntean bha Loch Laomainn, far na shuidhich inn-imrichean à Uibhist a Tuath agus Bearnaraidh, iomraiteach airson seinn 's an t-seann nòs Ghàidhlig. Bha luaidhean, seinn nan salm, agus dol air chéilidh nan cùisean cudthromach do bheatha shòisealta na coimhearsnachd. Rugadh 's thogadh Màiri NicDhòmhnaill ann a Loch Laomainn, faisg air cladaichean na léigeadh, ach chuir i seachad a’ mhòr-chuid dh’a beatha ann a Sidni. Bha a h-athair na thuathanach agus na ghobha; bhiodh muinntir an àite gu tric a’ tional na cheàrdaich. Bha a màthair na tè de shliochd innimriche as an Danmhairg a phòs boireannach an àite, a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig agus a ghabh a-steach dha nàbaidhean Albannach. Tha cuimhn’ aig NicDhòmhnaill air mar a chòrd brìgh na coimhearsnachd agus na nàbaidhean iongantach ris an teaghlach aice ann a Loch Laomainn. Nuair a ràinig i gu aois, ghluais Màiri a Shidni a dhol dhan àrd-sgoi. As a sin chaidh, i dhan Cholaisde far na choisinn i a teisteanas-teagaisg; às dèidh dhi fear a bha a’ còmhnaidh ann a Loch Laomainn a phòsadh, chuir i seachad còrr is trì deicheadan na ban-sgoilear ann a Whitney Pier. An diugh, bidh Màiri fhathast a’ cluich air an òrgan 's an eaglais, a’ fuineadh gu h-àbhaisteach agus a’ cumail suas ri naidheachd Loch Laomainn troimh a piuthar a tha air a bhith fad a beatha a’ còmhnaidh ann. - Seumas
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An Dùbhlachd 6, 2006
Total Play Time: 01:01:42
00:12 Màiri, a’ toirt tuairisgeul oirre fhèin.
01:48 An tuathanas; Bha a h-athair na ghodha; an gàradh
04:37 Bha na clann ag obair anns a’ ghàradh; bèisteagan anns a’ ghàradh
06:43-08:23 A’ bruidhinn mu obair a h-athair Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
08:26 B’ann o Uibhist (o thùs) a bha na daoine à Loch Laomainn; Seonaidh Ailein MacDhòmhnaill
09:36 Tabhartas-Fearainn; An Eaglais Chlèireach Aonaichte agus Seirbheisean Gàidhlig le cur a-mach an loidhne
14:52 Biadh; Iasg / Èisg
16:42-18:03 A’ cumail an taigh blath; mar a lasadh a mathair an teine Seallaibh | Éisdibh
18:09 Am buth a bha faisg orra; lampaichean cearosain (kerosene)
22:44 Tearlach Crábhaidh / Am ministear ainmeil ris a chanadh iad Holy Charlie
23:52 A’ dèanamh marag; a’ gleidheadh feòil
28:18 cearcan
29:40 Phòs i gille Dòmhnallach; B’ ann à Danmhairg a bha na Holmes
35:19 cur-seachadan
38:33 roinnean a’ bhliadhna; Samhainn, (Oidhche Shamhna), An Nollaig
42:57 Obair Shamhraidh
44:58-46:35 min-choirce Seallaibh | Éisdibh
46:40 Sìthichean; an droch shùil; manadh/ fàisneachd
49:34 Màiri ag innse mar a dh’ionnsaich i a’ Gàidhlig.
50:38 gìogan / cluaran
51:59-53:03 am mial-phònair, an creithleag ’s mar sin air adhart. Seallaibh | Éisdibh
54:58 fiodh cruaidh
55:57 an t-sìde; tuathanachas