banner
left border

 

 
Mìcheil Jack MacNèill
Switch to English
Speakers List
 Gleann na Maiseadh, Siorramachd Ceap Breatainn  Aite Breithe
Mìcheil Jack MacNèill
Micheal Jack Mhìcheil Dhòmhnaill Ìomhair
Gleann na Maiseadh, Siorramachd Ceap Breatainn

Nuair a chaidh Mìcheal Jack dhan sgoil ann am Gleann na Maiseadh, b’ i a’ Ghàidhlig a chluinneadh tu sa chumantas ann an achadh na cluich. Rugadh e ann an gleann a their òrain Ghàidhlig gum b’ ann le sheanair a bha e. Thogadh Mìcheal ann an coimhearsachd thuanachais a bha uamhasach ceangailte ri cànain is dualchas nan ciad luchd-tuineachaidh. Air na feasgraichean, bhiodh e fhéin ’s a’ chloinn eile a’ feitheamh air bhioran gus an tigeadh aoighean a-nuas chun an taighe, agus na gèamaichean-chart, na h-òrain is ceòl na fidhle a thigeadh ’nan cois. An déidh dha bhith ag obair dhan rathad mhór is dhan rathad iarainn airson beagan bhliadhnaichean mun cuairt air Eilean na Nollaige, ghluais Mìcheal a Bhaile Shudni. An siud, fhuair e obair aig plant-stàilinn, le buidheann tionail agus cuideachd ann an gnìomhachas grosaireach. Bha an t-àite far an deach a thogail — agus a thug beò-shlàint do cóig ginealaichean dhe theaghlach — riamh air aire. Nuair a bha an uair ceart, ghluais Mìcheal Jack air ais dhachaidh, is fhuair e obair a’ lìbhrigeadh a’ phuist. B’ àbhaist dha bhith ’na cheannard dhen roinn-smàlaidh saor-thoileach, agus tha e ’na cheann-suidhe de Chomann Gàidhlig Cheap Breatainn, is tha e air a bhith ’na neach-taic do dh’iomairtean Chloinn ’ic Nìll fad a bheatha. - Seumas

Agallamh air a dhèanamh le Eachainn MacNìll
Air a clàrachadh le Ray J. MacLellan
Am Màrt 7, 2008

diosg a h-aon
Total Play Time: 50:35

4:07 có e; thogadh e ann Gleann na Maiseadh; bha ochdnar ’s an teaghlach
07:10 dh'obraich e fhéin aig a’ mhuileann-stàilinn; air na rathaidean-stàilinn
09:46 bha e a’ creic guail ann am Baile Shudni
13:42 sloinneadh; chaidh a bhràthair a Chalifornia
16:19-19:50 eachdraidh Ghleann na Maiseadh; a’ chiad taigh Seallaibh | Éisdibh
20:00 taobh a mhàthar
21:25-25:11 tuathanaiche; sgian tharraing, togail bhàtaichean; na bàtaichean a rinn iad Seallaibh | Éisdibh
25:20-29:41 beòthaichean; ìm; gruth; uachdar; dh'eug athair nuair a bha e 44 Seallaibh | Éisdibh
31:20 phòs e ann an 1952; chùm iad stòr; dh'eug a bhean ann an 1995
35:14 “thug mi grèim oirre”
36:00 chaidh iad a shiubhal gu Vegas agus Alaska
40:12-46:17 a’ cur a’ bhuntàta; na feuman dha na seòrsaichean eadar-dhealaichte do thodhar Seallaibh | Éisdibh
47:00 a’ cur tuirneapan agus buntàta
49:50 a’ ceannach sìol aig a’ Cho-op


diosg a dhà
Total Play Time: 24:34

04:15-05:28 na céilidhean Seallaibh | Éisdibh
06:28-14:34 bhiodh athair a’ cluich air an fhidhill; a’ cuimhneachadh a sheanair, a’ cluich fidheall athar, a sheanmhair ag ùrnaigh, na taighean-faire Seallaibh | Éisdibh
14:48-20:34:18 a’ dèanadh ’s a’ creic ìm, a’ dèanadh leathair Seallaibh | Éisdibh


right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com