Mìcheal Eòin Chaluim Sheumais Mhòir
Baile Sheumais Mhòir, Siorramachd Bhigtoria
Tha Migi, a rugadh air baile-fearainn beag faisg air Sanndraidh àite a chaidh àiteachadh le inn-imrichean à Barraidh, na sheanchaidh tàlanta le dòighean còir. Ged a chaidh e-fhéin 's an teaghlach a thogail aig àm na h-Easbhaidh Móire, bhiodh biadh gu léor aca air a’ bhórd troimh oidhirpean an athar, a bha na thuathanach 's na iasgair; cuideachd, 's a’ choimhearsnachd mun cuairt, fhuair e togail ann an àrainneachd dhualchasach luachmhor. Air an fheasgar, bhiodh nàbaidhean gu tric a’ dol air chèilidh ‘s a’ roinn an naidheachdan le chèile. As deìdh dha a bhith 's an airm, thill Migi dhachaidh a Shanndraigh far an robh dùil aige a bhith ùine ghoirid a’ cumail stòr an àite an duine aig an robh e; ach cheannaich e an stòr agus chuir e seachad an ath dheich bliadhna fichead air cùlaibh a chunntair. A-nis, leis an dreuchd aige a chur dheth, tha MacNéill deis gu gàire a dheanamh is e a’ meòmhrachadh air na bliadhnaichean a chuir e seachad le bhean r’a thaobh. Fhad’s a bha an stòr aige, bhiodh còmhradh anns a’ Ghàidhlig 'ga chumail suas leis na nàbaidhean a thigeadh ann. Tha Migi a’ seinn ann an còisir na h-eaglaise bho chionn fhada ‘s tha e na bhall cuideachd anns a’ chòmhlan Seinneadairean Gàidhlig Shanndraigh a chluinneas sinn aig luaidhean air feadh an eilein. Cluinnidh sinn cho ceòlmhor 's a tha a ghuth nuair a bhruidhneas e a’ Ghàidhlig. Mar a thuirt an té-thogail-dhealbh Ryan NicDhomhnaill bho chionn ghoirid: “’S ann mar shrath-spè mall a bhitheas e a’ bruidhinn.” - Seumas
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Samhain 2, 2006
Total Play Time: 1:33:55
00:20 Mickey, a’ toirt tuairisgeul air e fhèin
01:57 a’ bruidhinn mun coimhearsnachd aige
03:00 a’ chiad in-imrichean agus na taighean aca
06:32 a’ peantadh taighean; a’ togail àraidhean (streapadairean)
09:00-12:28 roinnean a’ bhliadhna; a’ dèanamh deiseil son an Geamhradh Seallaibh | Éisdibh
12:28-20:38 diofar sheòrsa èisg; ag ullachadh èisg. Seallaibh | Éisdibh
20:39-26:39 Sprèidh: bha an uncail aige na bhùidsear Seallaibh | Éisdibh
26:40-34:12 ag ullachadh feòil; seiche(inean) Seallaibh | Éisdibh
34:40 Tha am bò a’ geumnaich; a’ bruidhinn mu na mart sa bhàtha / san t-sabhail
37:22 pàirtean den taighe
42:02-47:48 an aimsir; sgeulachd mun t-sneachd Seallaibh | Éisdibh
47:49-54:43 comharran t-sìde. Seallaibh | Éisdibh
47:49-54:43 comharran t-sìde. Seallaibh | Éisdibh
54:44 Seumas ag innse sgeulachd.
56:16 lampaichean cearosain (kerosene)
57:58-1:01:13 a’ tarraing uisge; a’ gearradh fiodh; a’ losgadh gual Éisdibh
1:01:14 an t-seann taigh; an teaghlach aige; tinneasan
1:08:01-1:10:17 a’ lasadh an teine. Seallaibh | Éisdibh
1:10:18-1:17:52 aodach; obair bhoireannaich. Seallaibh | Éisdibh
1:18:18 Tha Seumas ag aithris sgeulachd
1:21:35 ceist mu “stansion”/stanchion (seòrsa pòla a bheireas taic do rud)
1:22:57 Tha seanfhacal aig Mìcheal; barrachd cheistean mu dheidhinn fhaclan.
1:28:00 gnìomhairean
Ruairidh Iain Dhòmhnaill Sheumais Dhòmhnaill Òig Iain Ruairidh agus
Michael Eòin Chaluim Sheumais Mhóir
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Samhain 30, 2006
Total Play Time: 59:26
00:26 sloinneadh aig Ruairidh, na ceud daoin’ a thànaig anall, far an dànaig iad gu tìr
04:56 an sloinneadh aig Mìcheal
06:40-12:09 òrain a chaidh dheanamh anns an àite, seòrsa do dh’òrain, òran luaidh, òran mór Seallaibh | Éisdibh
12:10 có rinn na h-òrain
13:04 òran a rinn a’ bhean-ghlùin Bhana-Chaimbeulach air seann bhodach
18:23 an cladh
20:16 Òran: Ailein Duinn
25:33 Òran as an t-seann dùthaich, ‘s có aig an cuala e i
30:25 Òran eile ás an t-seann dùthaich: Anna mo ghaoil (Òran John Steven)
34:10 Na Browns á Cape North, càirdeach do mhuinntir Washabuck agus có an teaghlach a bh’aca. Math gu gabhail nan òran, pìobairean a bh’ann
37:40-42:19 Nìall Mór, math gu òrain a dheanamh; hard times shuas air a’ chnoc; naidheachd Seallaibh | Éisdibh
42:21 sloinneadh Hughie MacKenzie
43:50 Òran
46:35-49:13 naidheachd air tb air a’ ghille bheag, fhuair e an tinneas bho ‘n uncle aige
Seallaibh | Éisdibh
49:15 Òran: Saoil am pòs mi
51:25 Òran: Anna mo ghaoil
53:03-56:48 An diobhar eadar sgaoil an triùbhsair agus shrac an triùbhsair Seallaibh | Éisdibh
56:52-59:00 Calum Cille, an droch shùil Seallaibh | Éisdibh