Treasag ni'n Pheadair Mhòir Steabhain Mhìcheil
Sidni, Siorramachd Ceap Breatainn
Coltach ri iomadh àite-tuineachaidh eile dhen t-seòrsa ann an Albainn Nuaidh, bha Cùl a’ Phòin Mhóir na dhachaidh do choimhearsnachd shoirbheachail aig aon àm le bailtean-fearainn beaga agus teaghlaichean mòra. Chàidh Treasag, Marta agus an còignear cloinne eile a thogail a’ sin, ann an teaghlach air a bhogadh ann am beatha dhualchasach Gàidhlig Cheap Breatainn. Thàinig am parantan, Peadar MacNèill ’s a bhean Catrìona, bho dhachaidhean làn ciùil agus chluinneadh luchd-tadhail gu tric òrain Ghàidhlig is céol tradiseanta 's an taigh aca. Chluicheadh am màthair air an fheadan; bha bhràthair am màthar 'na phìobair iomraiteach, agus bha an seanair 'na fhìdhlear comasach. Ged nach robh a’ bheatha air baile-fearainn gun chruadal, tha Treasag ’s Marta luath gu innse mar a chòrd a’ bhrigh-choimhearsnachd is na tìmeannan sona riutha. B’ ann aig an taigh a fhuair iad an cuid foghlaim; agus chaidh an òige a chruthachadh le buaidh an teaghlaich, na coimhearsnachd 's an dualchais a bha mun cuairt orra. Chuidich nàbaidhean a chèile leis an obair; agus chaith iad na feasgairean a’ cèilidh air a chéile, a’ cluich chairtean, 's a’ seinn nan òran Gàidhlig còmhla. Cha robh i fada na deugair nuair a ghluais Treasag a Shidni airson obair bhanas-taighe a dhéanamh. Cha b’fhada gus a lean Marta i; tha cuimhn’ aicese fhathast air cho comharraichte 's a bha othail a’ bhaile aig àm a’ chogaidh agus air a’ bhuaidh a bh’aig sin oirre. As dèidh ùine, phòs Treasag agus Marta agus bha an teaghlaichean fhéin aca. An diugh, tha Treasag na boireannach calma 's earbsach. Bidh i a’ cluich ‘Tarabish’, a’dol a bhòbhladh, a’ fuineadh agus mar is tric a’ bruidhinn Gàidhlig r’a nighinn Mòrag. Bidh Marta ag obair gu saor-thoileach aig an ospadal. ‘S toil leatha-se a bhith ag èisdeachd ris an fhìdhlear David Greenberg; agus 's e ‘fan’ uile-chrìdheil a th’innte dha na ‘Montreal Canadians’! Cha mhòr gun caill i gèama. Tha an dithisd ro-thoilichte ginealach ùr aig a bheil suim anns a’ Ghàidhlig fhaicinn. Ged a chaith iad a’ mhòr-chuid dhe 'm beathannan 's a’ bhaile mhòr, 's fheàrr le Treasag’s le Marta a’ Ghàidhlig a bhruidhinn; agus tha ceangal dlùth aca fhathast ri coimhearsnachd dhùthchail an òige.
- Seumas
Theresa Burke and Martha Ramey
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Sultain 15, 2006
Total Play Time: 90 min
00:21-06:29 (+28:04-23:23, 32:03-32:35) An dòigh a nithear pizza Cheap Breatainn Seallaibh | Éisdibh
06:32-14:00 A’ dèanadh bonnach beags, bonnach àraid Seallaibh | Éisdibh
14:08 An Nollaig
16:28 a’ bleoghann, a’ dèanadh uachdar, faclan airson bìdh, na teintean eadar-dhealaichte a bh’ aca, còcaireachd, béicearachd, ceud bhainne na bà
25:07-28:04 na sìthichean agus ceòl nan sìthichean Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
28:35 Raghnall Mór
30:22-32:03 naidheachd bheag ma chloich a thuit á sgiort Seallaibh | Éisdibh
32:40-35:48 dèanadh siabann Seallaibh | Éisdibh
32:03-32:35 Cape Breton pizza ma ta
36:19-38:56 sneachd aig toiseach an t-samhraidh, tì milis le snògh Seallaibh | Éisdibh
41:55 feadain, Cock of the North, puirt, a’ dèanadh ribheidean
47:10 athair 's bràthair Pheadair Mhóir. Leabhraichean aige, ann a’ Hamilton.
49:42-51:02 “Faigh clìor dhen a’ Gàidhlig”, magadh air luchd na Gàidhlig Seallaibh | Éisdibh
51:11 Ban-Bharraich a bh' annta.
52:00 ceud duine a thànaig anall, Ruaridh Breac, a sin-seanair.
53:58 Mairi Ceat Mhóir
56:45 Ùrnaigh a’ Chàr-Aingeil, a’ bruidhinn mu dheidhinn ùrnaigh
58:43 Manadh mu Chalum Chille
1:00:30 plangaichean mar chaisbheairt a’ gheamhraidh
1:02:58-1:07:39 fiadh, a’ lomadh nan caorach, breabadaireachd Seallaibh | Éisdibh
1:08:00 maragan dèanta le mìn-bhuidhe, cha do dh'ith iad isbean, maodal
1:11:00 domblas