Iain Soutter mac Sheòrias 'ic Iain
Framboise, Siorramachd Richmond
Nuair a shuidhich a’ chiad duine air an robh Strachan mar ainm ann a Framboise, cha mhòr gu robh facal Gàidhlig aige. Ann an aon linn, bha a shliochd fileanta agus nam measg bha feadhainn dhe na seinneadaran Gàidhlig tradaiseanta a b’fheàrr a gheobhadh ann a Ceap Breatainn. Rè a bheatha fhada, tha Iain Souter Strachan (a chaidh ainmeachadh do charaid a choinnich athair ann a Iorc Nuadh) air siubhal fad is farsainn. Tha e air a bhith na iasgair, na shaor agus na mhèinneadair; an diugh, tha e a’ fuireachd còmhla ris an nighinn aige 's aon taigh air an dùthaich far an d’rugadh e. A bharrachd air a bhith air a shuidheachadh leis na h-Acaideanaich, chaidh siorramachd Richmond a shuidheachadh cuideachd le luchd na Gàidhlig. Ann an òige Shrachain, bha a’ Ghàidhlig 'ga bruidhinn gach là ann a Framboise; agus chluinneadh seinn 's a’ Ghàidhlig, mar chur-seachad agus ann an adhradh, a bha eireachdail. Chuir adhradh-theaghlaich, seinn nan salm 's an eaglais, agus seanchas aig an taigh buaidh shònraichte air òige. Thog Strachan 's a bhean seachdnar cloinne; gu tric bidh iad a’ buain nan dearcan le chèile air an fhearann gharbh air cùl an dachaidh. An diugh, tha Souter fhathast na duine lùthmhor, làn brìghe, deiseil airson fàilt’ a chur air luchd-tadhail. Beagan bhliadhnaichean air falbh bhon a bhith ceud bliadhn’ a dh’aois, tha e fhathast na dhuine àrd, dìreach mar shaighead, a’ gabhail fadachd ri turas bliadhnail a pheathraichean dhachaidh. A’ coimhead air adhart, le inntinn shoirbh-dhùileach, tha Souter air tòiseachadh air cuideachadh a thoirt dha nighinn Jeanette’s i ag ionnsachadh na Gàidhlig. Ma tha fios aig duine sam bith gu’s urrainn seo a dhèanamh, 's ann aig na Strachain a tha fios gu 's urrainn. - Seumas
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson, Màiri Sìne NicLaomain
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An Dàmhair 20 2006
Total Play Time: 1:32:07
00:14 An sloinneadh
01:24 Có ás a bha athair. Thànaig a sin-seanair ás an t-seann dùthaich gu Baile Pheadair
05:21 Bhiodh iad a’ seinn ’s a’ Ghaidhlig, a’ cur a-mach an loidhne
06:10 Bhiodh iad a’ falbh dha na Stàitean
07:01 Cha robh ach a’ Ghàidhlig aige nuair a chaidh e dha ’n sgoil
08:51-12:57 Cha do chaill e a chuid Ghàidhlig, chaidh e a dh’obair, dh'ionnsaich e Gàidhlig a leughadh Seallaibh | Éisdibh
13:00-18:34 A’ seanachas mu dheidhinn an àite, ag iasgach aig an àite Seallaibh | Éisdibh
18:38-28:18 Mar a bha iad ag iasgach trosg is giomaich Seallaibh | Éisdibh
30:26 có a mhàthair, a’ chiad duine a’s an teaghlach aice
35:59 ainm a mhàthar
38:20-40:46 An Geamhradh nuair a bha e òg Seallaibh | Éisdibh
40:48 Leac na h-eaglais
41:44 an deigh dhriftaidh
45:13 ag obair a's a choille
47:16 a’ leigeil craobhan
50:45 dearcan
54:40 na brògan a bh' aca
56:54 ag obair a's na méinnean
1:01:54 Thuit e a's a mhéinn
1:05:05 saoirsinneachd
1:06:16 Johnny Allan MacDonald
1:09:22 Muinntir na h-Aibhne Mhóir, Danny Kate Sarah
1:11:51 an Samhradh
1:12:44 tha e fhathast slàn; obair a rinn e
1:20:38 am facal airson “zipper”?
1:21:22 a’ seinn, a’ cur a-mach an loidhne
1:25:20 an cù aige