Ruairidh mac Iain Sheumais Dhòmhnaill Òig Iain Ruaridh
Gleann Bharraidh, Siorramachd Bhigtoria
Tha Ruairidh C. MacNèill air a bhith a’ cur Gàidhlig agus dualchas Cheap Breatainn air adhart faisg air lethcheud bliadhna. Chaidh a thogail ann a Gleann Bharraidh, tuineachadh faisg air Sanndraidh a bha na àite drìpeil aig aon àm. Tha e na fhear dhen chiad sliochd a thàinig a Barraidh 's a shuidhich 's an nàbachd. Bha athair na mhèinneadair a ghluais air ais dhachaidh nuair a chaidh a leònadh fo’n talamh. Ann a Gleann Bharraidh, fhuair Iain Dan MacNèill agus a bhean Anna Catrìona baile-fearainn far an deach Ruairidh agus an ochdnar cloinne eile a thogail. 'S na làithean sin, bha seinn na thachartas làitheil: nuair a bhiodh daoine ag obair, sheinneadh iad agus gu tric chluinneadh nàbaidhean a’ seinn anns na h-achaidhean 's iad ag obair. As dèidh dha a bhith 's a’ bhlàr, agus an uair sin ag obair grunn bhliadhnaichean ann an Ontario, thill MacNèill a Cheap Breatainn far na ghabh e baile-fearainn a theaghlaich os làimh. An sin, thog e-fhéin 's a bhean Eilidh an sianar cloinne aca. Rè nam bliadhnaichean, chan eil MacNéill air fàs sgìth a’ toirt dh’a choimhearsnachd 's dh’a dhualchas. Bhon a chaidh an Clachan Gaidhealach a chur air bhonn, tha e air a bhith an sàs mar fhear-comhairliche a thaobh na h-eachdraidh ionadail agus òran. Tha e na fhear-stiùiridh do Sheinneadairean Shanndraidh agus chìthear e gu tric aig tachartasan Gàidhlig mun cuairt air Albainn Nuaidh. Fialaidh le ‘thìm agus a thàlantan, tha ‘Roddie John Dan’ air fàilt’ a chur air linntean de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig a’ chleith-luaidhe le sméid a làimh agus snodha-gàire blàth.
- Seumas
Ruairidh Iain Dhòmhnaill Sheumais Dhòmhnaill Òig Iain Ruairidh agus
Michael Eòin Chaluim Sheumais Mhóir
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Samhain 30, 2006
Total Play Time: 59:26
00:26 sloinneadh aig Ruairidh, na ceud daoin’ a thànaig anall, far an dànaig iad gu tìr
04:56 an sloinneadh aig Mìcheal
06:40-12:09 òrain a chaidh dheanamh anns an àite, seòrsa do dh’òrain, òran luaidh, òran mór Seallaibh | Éisdibh
12:10 có rinn na h-òrain
13:04 òran a rinn a’ bhean-ghlùin Bhana-Chaimbeulach air seann bhodach
18:23 an cladh
20:16 Òran: Ailein Duinn
25:33 Òran as an t-seann dùthaich, ‘s có aig an cuala e i
30:25 Òran eile ás an t-seann dùthaich: Anna mo ghaoil (Òran John Steven)
34:10 Na Browns á Cape North, càirdeach do mhuinntir Washabuck agus có an teaghlach a bh’aca. Math gu gabhail nan òran, pìobairean a bh’ann
37:40-42:19 Nìall Mór, math gu òrain a dheanamh; hard times shuas air a’ chnoc; naidheachd Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
42:21 sloinneadh Hughie MacKenzie
43:50 Òran
46:35-49:13 naidheachd air tb air a’ ghille bheag, fhuair e an tinneas bho ‘n uncle aige
Seallaibh | Éisdibh
49:15 Òran: Saoil am pòs mi
51:25 Òran: Anna mo ghaoil
53:03-56:48 An diobhar eadar sgaoil an triùbhsair agus shrac an triùbhsair Seallaibh | Éisdibh
56:52-59:00 Calum Cille, an droch shùil Seallaibh | Éisdibh