banner
left border

 

 
Peadar Mac’Illeathain
Switch to English
Speakers List
 Cùl Eilean na Nollaige, Siorramachd Ceap Breatainn Aite Breithe
Peadar Mac’Illeathain
Peadar Jack Pheadair mac Caluim Ghobha
Cùl Eilean na Nollaige, Siorramachd Ceap Breatainn

‘Se fuaim-lorg beatha Pheadair Mhic’Illeathain ceòl dualchasach Gàidhlig Cheap Breatainn. Chaidh a thogail air Cùl Eilean na Nollaige, àite comharraichte le luchd-àiteachaidh à Barraidh, 's tha Mac”Illeathain, duine àrd, dàna, fhathast a’ comhnaidh air an aon fhearann air an dùthaich far an deach a bhreith bho chionn faisg air ceud bliadhna. B’ann bho a mhàthair a fhuair e an t-suim a th’aige anns na h-òrain Ghàidhlig. Na òige, chluinneadh e séiseanan-òrain is deasbad air bàrdachd nan seann bhàrd a mhaireadh gu h-anmoch 's an oidhche, 's a dh’fhàg buaidh air a inntinn. Cuideachd bhiodh e a’ seinn na fidhle na làithean as òige. Chaidh a thogail ann an àrainneachd far an cluinneadh e a’ Ghàidhlig 'ga labhairt air gach taobh dheth. Mar a thachair do gu leòr eile na linn, ghluais e a Bhoston far na dh’fhuirich e-fhéin’s a bhean grùnn de bhliadhnaichean. Chuir e seachad a làithean aig saorsainneachd 's oidhcheannan aig Comann Gàidhlig Cheap Breatainn aig fìdhlearachd 's seinn. Mu dheireadh, fhuair e cuireadh seinn le Seinneadairean Gàidhlig a’ Chladaich a Tuath aig Féis Newport, 1965- còmhla ri leithid Bob Dylan 's Joan Baez. Air dha tilleadh a Cheap Breatainn, gheibhte Peadar aig luaidhean an t-samhraidh agus aig na cuirmean-ciùil far am faighear e fhathast an diugh. Na dhuine neo-eisimeileach, agus na bhall ann a Seinneadairean Gàidhlig Shanndraidh, tha e air a bhith a’ brosnachadh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ‘s deis ri òran a roinn leis gach duine a thig d’a dh’ionnsaidh. - Seumas

Agallamh air a dhèanamh le Eachainn MacNìll
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
Am Faoilteach 25 2006

Total Play Time: 01:20:07

00:02 có e; dé an sloinneadh aige
00:50 có ás a thànaig na daoine aige
01:13 cuine 's càit an d' rugadh e
01:39 a mhàthair
02:00 piuthair is bràthair
02:20-07:17 Obair a bh' aig athair, beòthaichean, ainm a mhnà, ciamar a thachair iad ri chéile, obair a bh’ aige ann am Boston, Newtonville Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
07:28 thog iad na taighean
10:04-13:00 an t-eadar-dhealachadh eadar an là an diugh ’s an là an dé Seallaibh | Éisdibh
13:02 innealan
18:51-27:00 seòrsa do dh’fhiodh; seòrsa do chraobhan; obair choille Seallaibh | Éisdibh
18:51-27:00 seòrsa do dh’fhiodh; seòrsa do chraobhan; obair choille Seallaibh | Éisdibh
28:08 ainmean nan craobhan
31:09 Mickey Shandaidh
33:40 ainmean air na rudan
42:52-46:13 bòrd-geàrraidh Éisdibh
46:03 ainmean air na rudan
53:08 a’ dèanadh bharrallan agus cròthan ann am botannan
56:22 ainmean air na rudan
59:16 a’ togail similearan; clachair (còmhradh sa Bheurla)
1:02:10 molan fiodha; poileasaidh urrais a thaobh stóbhaichean-fiodha


Peadar Mac’Illeathain, Murchadh MacNìll
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Sultain 26, 2006

Total Play Time: 1:37:51

03:22 bruidhinn mun tobair, an t-uisge gann, a’ beannachadh a’ là do dhaoine
06:27-08:50 naidheachd aig Peadar Seallaibh | Éisdibh
08:54-09:57 bruidhinn mu dheidhinn an tionnsgnaidh Seallaibh | Éisdibh
16:29-17:56 naidheachd aig Peadar: Migi Ceataidh Seallaibh | Éisdibh
21:10 có a th' ann, càit an d’ rugadh iad etc.
34:37-37:14 mar a bha iad a’ tighinn beò air tìr Seallaibh | Éisdibh
37:15 cà ’n deach iad dha ’n sgoil
40:52 na sagartan, bhiodh iad a' bruidhinn ’s a’ Ghàidhlig
42:20-47:16 naidheachd aig Murchadh mu dheidhinn pìoba agus sagairt Seallaibh | Éisdibh
47:18 creideamh anns an taigh
49:00 có aige a bha iad pòsda
51:42 bha Peadar ag obair ann am Boston
53:08 dh'fhuirich Murchadh ann an Eilean na Nollaig fad a bheatha
55:31-57:34 gu dé an t-eadar-dhealachadh eadar an là an diugh ’s an là an dé Seallaibh | Éisdibh
57:41 dé dh'fheumadh iad dèanadh, na ceud daoine a thànaig a-nall
01:03:06-01:07:32 ainmhidhean anns a’ choillidh, biastan, éisg Seallaibh | Éisdibh
1:07:33 ainmean; a’ foighneachd mu chur-seachad na cloinneadh
1:20:38 ainmean


right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com