banner
left border

 

 
Eachann B. MacÍosaig
Switch to English
Speakers List
 An Gut, Siorramachd Inbhirnis  Aite Breithe
Eachann B. MacÍosaig
Eachann Aonghais Eachainn 'ic Dhunnchaidh
An Gut, Siorramachd Inbhirnis

‘S e na chòrdas ri Eachann B. MacIosaig daoine tighinn air chèilidh air, cùis ghàire a bhith aige 's dileag le chàirdean an dràsd’ s a-rithist. Rugadh e ann an Cùl Shiùdaig Bhig, Siorramachd Inbhirnis. B’esan a b’òige de naoinear cloinne a chaidh a thogail air baile-fearainn a cheannaich athair le airgead a choisinn e ag obair anns na mèinnean ann am Montana. Chuir e seachad òige air an dùthaich ann a Ceap Breatainn aig àm ‘s a’ chiad lethcheud bliadhna dhen fhicheadamh linn a bha beatha dhaoine stéidhichte air teaghlach 's coimhearsnachd. Cha b’e coimhearsnachd a’ chladaich a bh’ann an Cùl Shiùdaig Bhig, ach coimhearsnachd a’ chùil; 's bha an t-aon dualchas is creideamh aig an luchd-àiteachaidh. B’ann bho Eilean Eige a dh’imrich a sheanair air taobh athar ann a 1828 agus b’e buaidh an taobh sin dha theaghlach a thug air suim a bhith aige ann a ceòl: “Bha e annta,” abraidh e. Bha athair MhicIosaig na fhidhlear 's bhuaithe-san fhuair feadhainn eile 's an teaghlach an aon suim ann a ceòl na fìdhle, Ashley MacIosaig nam measg 's an là an-diugh. As dèidh do dh’ Eachann a bhith ag obair ‘s a’ choille a dhà no trì bliadhna, ‘s an uair sin a bhith ‘s a’ chogadh, phòs e agus thog e teaghlach anns a’ Ghut far an robh e ag obair do Chusbainn Chanada. An diugh, anns an togalach ùr far am bheil e, tha nàbaidh cò-aois dha a rugadh ann a’ Siùdaig Bheag a' fuireach cuideachd 's bidh iad a' bruidhinn na Gàidhlig 's ag innse naidheachdan d’ a chéile. - Seumas

Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Samhain 24, 2006

Total Play Time: 58:03

00:00 Bruidhinn mu dheidhinn nan clasaichean Gàidhlig, a’ phròiseict Cainnt mo Mhàthar
04:06 Sloinneadh
04:56 Càit’ an deach a bhreith, 's a thogail, dé an obair a bh’ aig a phàrantan
08:46 Có tha fuireach ’s an t-seann dachaidh an diugh
09:15 Thànaig a mhuinntir aige á Eilean an Eich; thànaig iad ann 1828 Thànaig a seanair an toiseach, b' e esan a’ cheud duine
10:25 Bha esan shuas aig Gleann Comhann an toiseach.
10:35 Carson a thànaig e anall gu St. Ninian
12:38 Phòs e ann 1898
12:56 Bha a’ chuing air ás deaghaidh dha bhith ag obair a's na méinnean.
14:00 Dh'falbh Hector suas gu am Baile Mòr, a dh'obair a's a’ choille.
14:50 Gheàrr iad na logaichan
15:29 Sàbh-crosaidh a chleachadh iad. Bruidhinn mu dheidhinn na h-obrach.
17:17 Chaidh e dhan airm
18:01 Thànaig e dhachaidh ann an 1946. Phòs e ann an 1948.
18:25 Naidheachd mu dheidhinn John Alec MacMillan
19:54 Duine math gu bàrdachd, ann an Seastago. Stòiridh bheag.
22:50-27:00 Bhruidhinn iad Gàidhlig aig an taigh, bhruidhinn iad Beurla aig an sgoil, bha Gàidhlig 's Beurla aig a mhàthair, athair ’na fhìdhleir, seinn, bruidhinn mu dheidhinn nam pìobairean Seallaibh | Éisdibh
27:01 Chluich iad an fhidheall; bràthair seanair Ashley MacIssac
27:51 Dave MacIsaac 's John Allen Cameron
29:48 Margaret Beaton
30:50 Màiri Alasdair Raghnaill
32:08 Dougie MacPhee, May Belle, Alec Francis, Dan R., Willie Kennedy
38:02 Cha robh esan a’ cluich na fìdhle
38:14 Càit’ am biodh iad a' dannsa ann an St. Ninian's
38:43 Có bhiodh a' cluich
39:18 An gleus àrd; Buddy MacMaster
40:17 Chluich a bhràthair, athair, 's bhiodh iad a' steapadh
41:51 Na polkas ann an Baile Mòr
42:24 Collie Angain
43:28 A’ bheinn ann an Siùdaig
44:05 Sean fhacal / òran a’ bhòcain
46:26 slàinte
48:20 Cameron Chisholm
48:56-55:53 An t-each aig Dòmhnaill Ailein Duinn, bràthair dha, Niall Ailein Duinn, naidheachdan mu Dhòmhnall Seallaibh | Éisdibh
56:15 Dòmhnallaich Ghleann Comhainn
56:47-58:02 Briùthais ’ga dhèanadh a's a’ choille Seallaibh | Éisdibh


right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com