banner
left border

 

 
Murchadh MacNèill
Switch to English
Speakers List
 Cùl Eilean na Nollaige, Siorramachd Ceap Breatainn  Aite Breithe
Murchadh MacNèill
Murchadh mac Dhòmhnaill 'ic Sheumais a' Chùil
Cùl Eilean na Nollaige, Siorramachd Ceap Breatainn

Tha Murchadh MacNèill na chuibhreann do dh’Eilean na Nollaig cho comharraichte ris na bailtean-fearainn, na pàircean 's an eaglais, 's tha e fhathast a’ còmhnaidh 's an taigh far an deach a thogail, air fearann a fhuair a sheana-sheanair as dèidh dha Barraidh ‘ fhàgail. 'S a' mhòr-chuid dh’a òige, bha Murchadh ga bhogadh ann an cànain ‘s dualchas a choimhearsnachd. Cha chualas a’ Bheurla ro thric 's an taigh far an do thogadh e le piuthar agus bràthrean a mhàthar 's bha seanchas na chur-seachad cumanta. An diugh, 'na shuidhe 'na chathair chomhfhurtail ri taobh na stòbha, 's urrainn do Mhurchadh naidheachdan agus creideamhan innse bho na làithean a dh’aom. Na là fhéin bha MacNéill ‘na chaiptean air a’ bhàt-aiseig C. Monty MacMillan, a b’àbhaist a bhith a’ ruith eadar Sanndraidh agus an Caolas Mòr; a-nis 's toil leis meòmhrachadh air na làithean 's na h-oidhcheannan a chuir e seachad air an uisge, an dràsd’ ‘s a-rithist a’ seachnadh phacaichean-eighre no a’ marcachd thairis air na stuadhan àrda. Na dhuine dàimheil le creideamh daingeann, chìthear MacNéill ag obair gu saor-thoileach mun cuairt a’ chladha 's na h-eaglaise. Bidh é-fhéin 's a bhean a’ toirt taic bho chionn fhada do chuirmean-chiùil Gàidhlig agus do phrògraman eile a chaidh an cur air dòigh an aon ghnothach luchd-ionnsachaidh na cànain a bhrosnachadh. ‘Na sheanchaidh comasach agus fileanta, tha Murchadh MacNéill fial leis na tàlantan aige. - Seumas

Peadar Mac’Illeathain, Murchadh MacNìll
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Sultain 26, 2006

Total Play Time: 1:37:51

03:22 bruidhinn mun tobair, an t-uisge gann, a’ beannachadh a’ là do dhaoine
06:27-08:50 naidheachd aig Peadar Seallaibh | Éisdibh
08:54-09:57 bruidhinn mu dheidhinn an tionnsgnaidh Seallaibh | Éisdibh
16:29-17:56 naidheachd aig Peadar: Migi Ceataidh Seallaibh | Éisdibh
21:10 có a th' ann, càit an d’ rugadh iad etc.
34:37-37:14 mar a bha iad a’ tighinn beò air tìr Seallaibh | Éisdibh
37:15 cà ’n deach iad dha ’n sgoil
40:52 na sagartan, bhiodh iad a' bruidhinn ’s a’ Ghàidhlig
42:20-47:16 naidheachd aig Murchadh mu dheidhinn pìoba agus sagairt Seallaibh | Éisdibh
47:18 creideamh anns an taigh
49:00 có aige a bha iad pòsda
51:42 bha Peadar ag obair ann am Boston
53:08 dh'fhuirich Murchadh ann an Eilean na Nollaig fad a bheatha
55:31-57:34 gu dé an t-eadar-dhealachadh eadar an là an diugh ’s an là an dé Seallaibh | Éisdibh
57:41 dé dh'fheumadh iad dèanadh, na ceud daoine a thànaig a-nall
01:03:06-01:07:32 ainmhidhean anns a’ choillidh, biastan, éisg Seallaibh | Éisdibh
1:07:33 ainmean; a’ foighneachd mu chur-seachad na cloinneadh
1:20:38 ainmean


right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com