Sidni, Siorramachd Inbhirnis
Chan eil dad a chuireas casg air a’ bhoireannach seo. Tha i ceithir fichead bliadhna a dh’aois, ’s cha robh i riamh cho trang ’s a tha i nis. Bidh i a’ dèanamh dannsa-ceum aon oidhche, ’s a’ seinn leis a’ Choisir Ghàidhlig an ath oidhche. Ged a bhris i a cas an geamhradh sa chaidh, bha Kay fhathast a’ dèanamh obair shaor-thoileach dhà no trì tursan san t-seachdain airson a’ Chomainn Ghàidhlig ann am Baile Shudni, mar a tha i air a bhith a’ dèanamh fad bhliadhnaichean. Tha i ’na neach-taice dìleas dha na clasaichean a bhios ann fad a’ gheamhraidh, ’s ise an t-eòlaiche a thionndaidheas na tidsearan thuice nuair a tha iad a’ lorg facal. Bha i ag obair ann am biadhlann ann an ospadal fad àireamh de bhliadhnaichean, agus i a’ bruidhinn na Gàidhlig ris na h-euslaintich, tha i ’na dheagh chòchaire. Gu tric bidh iad ag ionnsacheadh ciamar a nithear bonnach no stiudha geamhraidh anns na clasaichean Gàidhlig, agus bitheas a’ dèanamh cinnteach nach bi poit na tì falamh. Tha spéis mhór aig na h-oileanaich dhi. Tha i toilichte a bhith neo-eisimealach agus ann an deagh shlàinte. Bidh Kay ri fealla-dhà nach toirear air falbh an cead-draibhidh aice bhuaipe gus a tha i ceithir fichead ’s a deich. An ceartuair, ’s cinnteach gu bheil i air a slighe gu dannsa no gu cruinneachadh Chloinn ’ic Nìll. Nuair a thachras tu rithe, bidh caraid agad ri d’ bheò. - Seànon
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Frank King
An t-Ògmhìos 27, 2008
diosg a h-aon
Total Play Time: 59:50
00:35 Tha Kay a’ toirt iomradh oirre fhèin, an sloinneadh aice; a’ bruidhinn air an àite far an deach a rugadh.
03:35-11:00 Bha a mathair ag obair còmhla ri bean-ghlùine Màiri NicGillEathain à Gleann Maiseaidh; obair bhean-ghlùine; Tha Seumas ag aithris sgeulachd Joe Nèill MacNèill. Seallaibh
11:19-19:19 Beatha san dachaigh Seallaibh
19:19-24:33 Ag iasgach; seòrsaichean èisg; iall-bròige (air a dhèanamh a-mach a craiceann càrnaig); mar a bha iad innleachdail.
24:35 Sìthichean ann an Gleann Maiseaidh; Micaidh Ceataidh; Sgeulachd Sheumas air an comas fàidhearachd / fàisneachd
32:08 Creutairean sa choille.
37:08 A’ dol dhan Eaglais.
39:00 Oidhche an taghaidh; cur seachadan; stòiridh Seumais
42:25 A’ dol a chèilidh ; Oidhche na Chailleachan; Oidhche Shamhna agus Oidhche Challainn
48:54 Gàraidhean; a’ stòradh stuth fuar
52:31-59:47 Creideamh; ùrnaighean Ghàidhlig; a’ chiad Comanachadh; aifreann; aideachadh. Seallaibh
diosg a dhà
Total Play Time: 34:52
00:14-07:48 Aifreann; Comanachadh; tuairisgeul Sheumais Seallaibh
08:00 Sagairtean leigheasach, sgeulachd Kay, bha Sagart ga slànachadh; sgeulachd Seumas.
13:53-19:27 tinneasan agus leigheasan; Kay ’s sgeulachd mu na thachair dhith nuair bha i bochd na chaileag Seallaibh
22:10-26:12 A’ bruidhinn mu dheidhinn Pòn na Maiseadh; a’ gearradh seòrsa feur-boglaich sònraichte airson na crodh Seallaibh
26:13-29:37 còmradh mu dheidhinn feur, ’s na diofar stoidhle feòir a gheibhear an diugh bho na bhiodh iad a’ dèanamh iad fhèin aig an taigh Seallaibh
29:39-33:07 a’ dèanamh snàth, aodach-clòimhe
33:08 òrain