Willie mac Shiomein
Deepdale, Siorramachd Bhigtoria
Chan eil duine ann coltach ri Uilleam Fransaidh Friseal. 'S e seinneadair, seanchaidh agus dannsair, ainmeil thairis air a dhùthaich fhéin, a th’ann an Uilleam. Tha a ghnè agus a thàlantan an dèidh meas dhaoine a chosnadh dha fhéin. Chaidh a thogail ann an teaghlach 's an robh deichnear cloinne anns na Pònaichean, Siorramachd Inbhirnis, àite gu math iomraiteach airson cho beòthail 's a bha dualchas na Gàidhlig ann. Bhuineadh athair do Camus Ìseal, far nach eil duine sam bith a’ fuireachd a-nisd, air an taobh as fhaide tuath do Cheap Breatainn. Ged nach robh mòran de shaoibhreas an t-saoghail aig an teaghlach, fhuair Friseal agus a’ chlann eile dualchas luachmhor bho Thìr-mòr na h-Albann mar òighreachd. Rè nam bliadhnaichean, tha Uilleam air a bhith ag iasgach, ag obair 's a’ choille agus mar dhocair, ach ‘s ann do chéol Gàidhlig Cheap Breatainn a thug e a dhìoghràs. Feadh nan deicheadan, bhiodh Friseal a’ dèanamh dannsa-ceumaidh aig piognaigean na h-eaglaise agus nuair a bha feum air airgead a thogail 's na coimhearsnachdan mun cuairt na Roinne, aig an aon àm a’ toirt cuideachadh dha mhnaoi leis an dusan cloinn’ aca a thogail. Chaidh an obair shaor-thoileach aige, 's gu h-àraidh cho daingeann 's a bha e a thaobh na Gàidhlig, aithneachadh le Riaghladair-Lioftanant na h-Albann Nuaidhe. A bharrachd air a’ spèis a th’aige dhan danns a thoirt do dh’àireamh a chloinne 's ' oghaichean, tha Uilleam air siubhal a dh’Albainn an aon ghnotheach na ceumannan a theagasg - ceumannan air a bheil cuimhn’ aige gun do dh’ionnsaich e iad an toiseach na bhruadairean. Tha e air a bhith ag ionnsachadh fad a bheatha, is suim aige ann an òrain ùr; leis a’ chùil àbhachdach a th’aige, bidh e fhathast a’ roinn a thàlantan le 'charaidean 's a theaghlach ‘s a’ brosnachadh an aon rud ann an daoine eile. - Seumas
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Dòmhnallach
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
Am Faoilteach 26, 2006
Total Play Time: 1:04:15
00:10 Có e agus có ás a tha e
00:43-04:28 Dé an obair a bh’ aige Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
03:00 Cheannaich e pÌos do bhaile ann an Deepdale
04:35 Sloinneadh: ainm athar
06:00-08:38 A’ cheud duine a thànaig anall
08:40 Bruidhinn mu dheidhinn turais a bh’aige anns an t-seann dùthaich
09:57-13:26 Càit an do dh'ionnsaich e dannsa Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
13:34 Bhiodh e ’falbh a’ siod 's a’ seo a' dannsadh
15:21-16:59 Bhiodh a h-uile duine a’ bruidhinn na Gàidhlig
17:00 Na fìdhleirean mu thimcheall a’s an àm ud
18:10 port-a-beul
19:01-22:05 Ciamar a thachair iad ri chéile, e fhéin 's a bhean Seallaibh | Éisdibh | Tar-sgrìobhadh
22:05-22:55 Bràithrean, peathraichean
23:00 Bhruinneadh iad a’ Ghàidhlig nuair a bha iad òg; cha robh Gàidhlig aca aig an sgoil
24:02-25:18 duanagan
25:34-31:20 ainmean air na rudan a’s an taigh
31:28:12-35:39 Buill a’ chuirp Seallaibh | Éisdibh
35:40-37:43 ainmean nan craobhan
37:44 ciamar a gheobh mi ann?
39:55-43:20 naidheachdan mu ’n t-sìde air a’ chuan
43:34-46:40 spòrs, na càirdean, oidhche luadhaidh
46:41-48:22 Na bhiodh a bhean a’ dèanadh
48:22-53:34 ainmean air na rudan ’s a chidsin; a' dèanadh tÌ
53:35-54:32 naidheachd air an fhitheach chrùbach
54:33-55:34 faclan ceangailte ri gluasad
55:37-59:43 a’ bangadh an taighe airson a’ gheamhraidh, le feamain, connlach agus na bà ag ithe a’ chonnlaich timcheall an taighe Seallaibh | Éisdibh
1:01:54 na h-eich: an searrach, an làir, an stalan
1:03:50 am biodh iad a’ bruidhinn ’s a’ Ghàidhlig ri chéile
Agallamh air a dhèanamh le na
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Samhainn 7, 2006
Total Play Time: 1:32:46
02:00-10:11 càit an d’ rugadh e, có a b' athair dha; na ceud daoine thànaig anall
10:27-20:22 an teaghlach a bh' aige Seallaibh | Éisdibh
20:22-24:13 ceòl a's an taigh; mar a dh'ionnsaich Willie na steapan Seallaibh | Éisdibh
24:14-26:42 phòs e, an cuid chloinne
26:44-31:19 na h-òrain a dh'ionnsaich e Seallaibh | Éisdibh
31:38-41:32 ainmean, fiodh 's craobhan Seallaibh | Éisdibh
41:33-46:14 a' cur a’ bhuntàta
46:15-51:34 bhiodh iad a’ sabaid Seallaibh | Éisdibh
51:37-58:38 manadh, taibhse, sìthichean Seallaibh | Éisdibh
58:38 sean-fhacail aig Seumas
59:43 na pìobairean, na fìdhleirean, na dannsairean; stòiridhean
1:17:10-1:25:27 àm nan caoilaich Seallaibh | Éisdibh
1:25:47 anns na speuran
1:28:33 sgeulachd: duine làn airgid
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson, Dòmhnallach
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An Dùbhlachd 7, 2006
Total Play Time: 1:01:36
00:04-07:52 busy aig àm na Nollaig; Oidhche Nollaig Seallaibh | Éisdibh
07:55-12:20 An Nollaig nuair a bha Willie òg; mocaisean mollach; craobh na Nollaige Seallaibh | Éisdibh
12:40-15:36 a’ dèanamh nan coinnealan; tuill a’s an leabaidh airson a’ choinneil Seallaibh | Éisdibh
15:36-19:06 An Nollaig Mhór ‘s an Nollaig Bheag; Latha nan Trì Rìghean
19:07 Làithean na Ceum Chollais; Oidhche Chaluim Chruaidh
21:54-23:47 Naidheachd: Cha do lorg iad fainne a’s an fhuaraig Éisdibh
23:48 Dòmhnall Thormoid
24:30 Òran: Dean Moladh a’ Chùil, ‘s Moladh a’ Chladaich
28:20 Òran: Cuir an deoch seo mun cuairt
31:23 A’ seanchas mu dheidhinn an òrain
33:30 Òran
34:40 Òran
37:15 Bràthair aig Willie math gu seinn
38:15 na fìdhleirean Sìosalach
39:15 Angus Allan Gillis
40:42 Ag obair ann an Detroit, Windsor
45:24-49:17 Ag iasgach nuair a bha e òg; fiosachd air an t-sìde Seallaibh | Éisdibh
50:00-55:52 Stòiridhean: naidheachd bheag mu dheidhinn Dhunnchaidh Dhuibh; am puinnsean a mharbhadh nan caorach, am ministear a’ toirt seachad breitheanas; duine làn airgid Seallaibh | Éisdibh
55:53 Òran a rinn bràthair do Willie, ‘s naidheachd m’ a dheidhinn