Siudaig, Siorramachd Bhigtoria
Chaidh A.J. a thogail le a sheana-pharantan air baile-fearainn beag ann a Siudaig a Deas; mar sin, bha e air a chuartachadh na òige le ceòl, cànain is dualchas Gàidhlig Cheap Breatainn. B’ann bho inn-imrichean à Srathghlas agus Uibhist a Deas a thàinig e. Tha e a-nisd air a dhreuchd a chur dheth; ach aig aon àm bha e na Fhear-gléidhidh do chuideachd Shiorramachd Inbhirnis agus dh’obraich e do Riaghaltas na Roinne mar Oifigear Ghnìomhaiche. 'S ann gu mall 's gu smaointeachail a bhios e a’ bruidhinn nuair a chuimhnicheas e air a sheanmhair ‘s i a’ seinn nan òran Gàidhlig aig a’ chuibhle-shnìomh 's air na nàbaidhean ag innse nan sgeulachdan air chèilidhean an fheasgair. Ged a chuir e seachad a’ mhòr-chuid dha bheatha-obrach ann a Halafags, bhitheadh e faighinn a h-uile cothrom Gàidhlig a bhruidhinn: bha e a’ fuireachd còig bliadhna deug ann an taigh-aoigheachd a’ sin còmhla ri tè-labhairt a bha fileanta. An diugh, bidh MacDhùghaill a’ teagasg na Gàidhlig ann an clasaichean na coimhearsnachd ann a Siùdaig, ann a Creiginnis, agus anns a’ Ghut faisg air an aon fhear dhen luchd-labhairt dualach a tha air seo a dhèanamh bho chionn ghoirid; agus tha e an sàs cuideachd ann an obair air sgàth na Gàidhlig na choimhearsnachd fhéin. - Seumas
Agallamh air a dhèanamh le Raghnall MacCoinnich agus Maighstir Ailean Mac Mhaoilean
Air a clàrachadh le Frank King
An Giblean 11, 2008
diosg a h-aon
Total Play Time: 40:08
00:28-08:50 có e, có ás a tha e, cuin’ a thàinig a chuideachd a-nall Éisdibh
08:53-17:27 cur-seachd na h-ùine, froileagan snìomh, figheadaireachd Éisdibh
18:00 Chuidich na coimheasrnaich le chéile; thog iad fhéin an cuid bhìdh
24:05 dé an obair a bh'aige; seòrsa dhe na naidheachdan a bh'ann an Uibhist-a-Deas
31:40 an cosnadh a bh'aig AJ
35:00 có ás a thànaig muinntir Shiùdaig
diosg a dhà
Total Play Time: 20:02
00:00-01:34 biadh nan trapannan giomaich Éisdibh
02:05-10:22 Tuathanachas an diugh agus mar a bh’ann an dé: ag àiteach , a’ gearradh connaidh Éisdibh
10:36 Chan eil tuathanaich an diugh ann an Siùdaig
15:09-20:02 An Nollaig anns na h-àmannan a dh’aom; Oidhche na Bliadhna Ùire Éisdibh