Alaisdair mac Sheòrais 'ic Iain 'ic Iain
Lèig Ghabarus, Siorramachd Ceap Breatainn
Tha Alasdair Mac'Illeathain air a bhith a' fuireachd fad a bheatha ann a Lèig Ghabarus. Tha e-fhéin 's a bhean Anna a' còmhnaidh air an fhearann far an robh ceàrdach aig athair aig aon àm. A-rèir nan sgeul a chuala e a' fàs suas, b'ann à Uibhist a Tuath a bha a sheana-sheanair; dh'fhalbh esan bho Loch nam Madadh a thighinn a dh'Albainn Nuaidh. Chaidh Alasdair, agus an dithisd chloinne eile aig Seòras Mac'Illeathain agus Oighrig a bhean, a thogail ann an coimhearsnachd far an robh coltas creideimh is dualchais. Bha dol air chèilidh, seanchas is seinn a' tachairt gu tric agus b'e a' Ghàidhlig a' chànain làitheil. Bhiodh athair Mhic'Illeathain a' cluich air a' bhocsa agus bha a bhràthair na fhidhlear iomraiteach aithnichte 's an àite. Bho chionn ghoirid, tha Mac'Illeathain air tòiseachadh air seinn na fìdhle ionnsachadh agus tha e as dèidh roinn dhiubh a thogail air feadh ‘s a bha ‘na thàmh. As dèidh dha a bhith na oibriche air na rathaidean-móra chuir e seachad nam bliadhnaichean mar shaor aig Daingneach Louisbourg. Na sheanair pròiseil, tha e 'toirt toileachadh mòr dha gu bheil suim aig ginealach ùr na chànain mhàthaireil. Nan daoine càirdeil's fialaidh, bidh Alasdair 's Anna a' toirt air luchd-tadhail biadh a ghabhail mus fhalbh iad dhachaidh.
- Seumas
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson, Màiri Sìne NicLaomain
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An Dàmhair 20, 2006
Total Play Time: 1:15:34
00:10 Có e, sloinneadh, có ás a thànaig iad
02:30 taobh a mhàthar bruidhinn mu dheighinn nan eaglaisean
05:30 chaidh e dha ‘n eaglais nuair a bha e òg, có bhiodh preseantadh
13:14 ‘S e gobha a’ chiùird aig athair, obair a’ ghobha, ainmeannan air innealan anns a’ cheàrdaich
20:00 roinnean dhe ‘n dorust
21:50 naidheachd aig Seumas
22:47 abairt mu ‘n innean aig Seumas, “cho fuar ri màthair a’ ghobhainn”
24:20-28:54 a'dol dha ‘n sgoil dh'obraich e ann a Louisbourg Seallaibh | Éisdibh
30:55 thog e a taigh dha fhéin
35:38-38:30 taigh beag, taigh oifis; stòiridh aig Seumas: duin’ a bha ás a’ Chùl, chan eil taigh-beag aige idir Seallaibh | Éisdibh
38:32 beòthaichean a bh'aca
43:18 Là na Ceisteadh
45:40 àm na Nollaig
48:30 bòcan
48:55 ag ùrnaidh
49:45 bràthair Johnaidh math gu seinn na fìdhle
50:36 dà shealladh, droch shùil, naidheachd aig Seumas
56:40-59:17 naidheachd aig Alasdair mu dheighinn each, dh'fhàs e tinn Seallaibh | Éisdibh
1:01:00-1:07:56 buill a’ chùirp
1:07:59-1:12:10 aodach
1:12:20 an t-sìde
1:13:50 an Nollaig