banner
left border

 

 
Ailean MacLeòid
Switch to English
Speakers List
 Catalone, Siorramachd Ceap Breatainn  Aite Breithe
Ailean MacLeòid
Ailean Ruairidh Aonghais Dhòmhnaill Uilleim
Catalone, Siorramachd Ceap Breatainn

Tha Ailean de shliochd nan Leòdhasach, agus rugadh is thogadh e ann an taigh far am bruidhneadh Gàidhlig ann am Boston Ùr, coimhearsnachd tuathanachais faisg air Louisbourg. ’Na sheinneadar ainmeil, dh’ionnsaich Ailean a chuid òran bho athair, Ruairidh, (Ruairidh Aonghais), seanchaidh sònraichte aig an robh sealbh mór de dh’òrain Ghàidhlig de gach seòrsa. Am measg nan òran a bh’ aig Ruairidh, bha àireamh mór de phuirt-a-beul a sheinneadh airson dannsairean-ceum. Nuair a bha e sgìth dhe sin, chluicheadh e dhaibh air an trombaidh. Bha màthair Ailein cuideachd ’na dheagh dhannsair-cheum agus ’na seinneadar mhath. Tha cuimhne aig Ailean nuair a sgaoileadh iad na séithrichean a-mach is chuireach iad déilean orra gus tuillidh shuidheachan a dhèanamh dha na daoine air chéilidh. Thug stoidhle sùrdail Ailein beòthachadh dha iomadach froilig agus a dh’ionnsaigh an là an-diugh ’s e Ailean as dòcha leotha nuair a chruinnicheas Gàidheal gus òrain a ghabhail.
- Eachann MacNill (Comhla Cruinn CD)

Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson, Màiri Sìne NicLaomain
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
Jan 30, 2006

Total Play Time: 01:19:05

00:15 Có e, có ás a tha e (Boston Ùr); sloinneadh aige; có ás a thànaig na daoine aige
01:59 Chaidh a shin-sin-seannair air ais; cha do bhruidhinn iad mu dheighinn na Seann Dùthcha
03:42 Bha ochdnar anns an teaghlach aige
05:39 Phòs Aliean ann an1960, 's thog e fhéin an taigh aca
07:22 A' dol dha ‘n eaglais, bhiodh searmon an dàrna cuid anns a’ Ghaidhlig agus anns a’ Bheurla, a’ gabhail nan salman
10:47 Cur-seachd na h-ùine, spòrs
11:16 Na beòthaichean a bh' aca
11:51-16:10 Dol a-staigh dha ‘n bhaile, a' dol air chéilidh Seallaibh | Éisdibh
16:10 stòiridh bheag aig Seumais
17:35 biadh a bhiodh aca; ainmhidhean a mharbhadh na cearcan
21:44 ainmeannan air ainmhidhean agus eòin
31:56-33:01 ‘S e Gàidhlig a bh’ ac’ uileadh 's an taigh-sgoil, biadh a bhiodh aca 's an taigh-sgoil, dé an t-astar, có mheud a bha anns an taigh-sgoil, a’ cheud rud, bhìte ag ùrnaigh Seallaibh
33:47-37:18 ‘S e Gàidhlig a bh’ ac’ uileadh 's an taigh-sgoil, biadh a bhiodh aca 's an taigh-sgoil, dé an t-astar, có mheud a bha anns an taigh-sgoil, a’ cheud rud, bhìte ag ùrnaigh Seallaibh
00:37:19 naidheachd aig Seumas
39:38-43:09 tuilleadh mu ‘n taigh-sgoil , géimichean a bhiodh aig a’ chloinn Seallaibh | Éisdibh
46:16-47:16 stioltaichean Seallaibh | Éisdibh
47:27-50:57 Oidhche Shamhna, fuarag, cleasan a chluicheadh iad, phéint iad muc dath uaine, cleasan mu tholl an taighe bhig Seallaibh | Éisdibh
52:23 Oidhche na Bliadhna Ùire
56:57 Aodach: peiteag
58:58 Rann mu spéir an triùbhsair
59:57 parts of pants, mittens
1:01:00 Cuibhle-shnìomh, fearsaid, crois fhearna
1:05:05 Roinnean nam bròg, shanks
1:09:32 spàin dèante le fiodh, pronnadair buntàta
1:13:46 laoidh: Anns a' Chrann


Seumas Watson, An Neach-agallaimh
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson, Màiri Sìne NicLaomain
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Iuchar 31/07

diosg a h-aon
Total Play Time: 1:01:00

06:20-09:24 Air toiseachadh arithist, daoin’ a sguir dhe ‘n Gàidhlig Éisdibh
09:40 Athair Ailiein, màthair Ailein
11:20-15:07 Bha athair Ailein ‘na dheagh sheinneadair, thigeadh luchd-céilidh ás gach ceàrnaidh Éisdibh
19:30 Dh’éirch Ailean suas am Boston Ùr, chan eil duin’ ann tuilleadh
20:40-26:15 Thug mi Ghaol dha ‘n Fhear Bhàn Seallaibh | Éisdibh
27:25 Ceist mu shanasan rathaid
31:23-34:29 Òran: An Seann Ford ‘ga dheanamh aig Uilleam Mac a’ Bhiocair Seallaibh | Éisdibh
38:30-41:15 Ailean a’ snaidheadh logaichean Seallaibh | Éisdibh
41:44-46:36 Eachdraidh a thuaigheadh, ‘S e Ailean fhéin a rinn cas na tuaigheadh Seallaibh | Éisdibh
46:40-52:36 Ailean a’ snaidheadh an taoibh eile dhe ‘n loga Seallaibh | Éisdibh


diosg a dhà
Total Play Time: na

00:51 sloinneadh
02:40-07:57 ainmean air na h-innealan; fear a chaidh leònadh leis an tuaigh Seallaibh
09:50-19:09 innealan Seallaibh | Éisdibh
20:18-27:26 an sàbh mór; an t-ùrlar-bualaidh Seallaibh | Éisdibh
27:39-35:37 taigh a’ bhainne, pòca na buisneiche, òran nan sìthichean, a' deanamh ìm, bhiodh iad a' reic an ìme Seallaibh | Éisdibh
35:39-38:08 ‘na thàmh, gainnead do bhiadh; an seann taigh a thog a sheanair, taigh logaichean Seallaibh | Éisdibh
39:16-42:24 na teintean, a' faighinn uisge; dealbh an taighe Éisdibh
42:30 bha an seann taigh mór; cà’ ‘m faigheadh 'ad fiodh airson taigh a thogail, naidhheachd aig Seumas
46:30-50:11 solais, lasadairean; seòrsachan dhe na craobhan Seallaibh | Éisdibh
50:12-56:37 obair eile; na beòthaichean; obair nam boireannach; nigheadaireachd Seallaibh | Éisdibh


right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com