banner
left border

Eachdraidh an Tionnsgraidh

Le Seumas Y. MacDhòmhnaill

Bho chionn beagan bhliadhnaichean, thug an Clachan Gàidhealach cuireadh do dh’Fhionnladh MacLeòid, fear-tagraidh na Gàidhlig á Alba, a thadhal air Albainn Nuaidh. An seo lorg e daoine a bha deònach éisdeachd agus air chinn taic a thoirt dha na dòighean-teagaisg ùra aige a tha freumhaichte ann am bogadh anns a’ chànain. Air am brosnachadh leis an dòchas gun tigeadh ath-bheòthachadh air a’ Ghàidhlig, chuir buidhnean-coimhearsnachd gu saod cùrsaichean a lean na dòighean seo. Dh’aithnich Comhairle na Gàidhlig Albann Nuaidh — buidheann neo-phrothaideach a tha gu sònraichte ann airson a’ Ghàidhlig a ghléidheadh anns an Roinn seo; gun robh feum ann air tobraichean-ionnsachaidh ionadail air am faodadh na prógraman seo a bhith freumhaichte.

Ré a’ gheamhraidh, 2005, thòisich buill a’ bhùird air dealbhadh tionnsgnadh mór, doirbh, a mhaireadh ùine fhada, a bheireadh fìor thobair-ionnsachaidh dhan dà chuid luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh. Bhiodh an tobair-ionnsachaidh seo freumhaichte air clàraidhean-bhideo de luchd-labhairt fileanta a’ bruidhinn ann an Gàidhlig dhùthchasaich. Thairg An Clachan Gàidhealach iasad de na h-oifisean aca gu saor thoileach, airson cuideachadh a’ thoirt dhan phròiseact.

Air sgàth ’s suidheachadh an taigh tasgaidh, am meadhan Cheap Breatuinn, agus ealantas na luchd obrach, sholaraich làrach an taigh tasgaidh, Cainnt mo Mhàthar gu foirfe. Air tàillibh ’s gun do thuinich na Gàidheil ann an Albainn Nuaidh còmhla ris a’ chòrr dhen teaghlach no an coimhearsnachd, tha dualchainntean sònraichte ás na h eileanan agus tìr-mór na Gàidhealtachd fhathast ’gam bruidhinn an seo. Bheireadh Cainnt Mo Mhàthar do luchd-ionnsachaidh an cothrom an cuid sgilean-cànain a leasachadh agus a thuillidh air sin blas sònraichte nan coimhearsnachdan eadar-dhealaichte fhaotainn. Air a choileanadh ann an trì ceumannan, b’ e deagh chothrom a bh’ anns an tionnsgnadh seo a bhith a’ dèanadh tobair-ionnsachaidh-chànain a sheallas nadir, cultar agus dualchas nan Gàidheal ann an Albainn Nuaidh. An rud a bu chudthromaiche buileach m’ a dheidhinn, ao-coltach ris a’ mhór-chuid do dh’obair-chlàraidh a rinneadh am measg nan Gàidheal far an deachaidh cudthrom a chur air a bhith a’ clàradh pàirtean dha ’n chultar labhairteach airson an gléidheadh ann an tasglann, ’s e ath-bheòthachadh na cànain an rud air an deach an cudthrom a chur ann an Cainnt Mo Mhàthar.

Behind the Scenes

Ceum a h-Aon:
Leis a’ chiad phàirt dha ’n airgead air a ghealladh bho Phrógram Gnìomhachdan Gàidhlig, chaidh m’ fhasgadh mar Cho-Òrdanaiche an Tionnsgnaidh anns an Dàmhair, 2005. Thairis air na ceithir mìosan às deaghaidh sin, chaidh comhairle a ghabhail do fhicheadan do luchd-rannsachaidh acadaimigeach, chaidh dòighean-obrach phròiseactan eile a sgrùdadh, agus chaidh Buidheann Chomhairle a stéidheachadh air a dèanadh an-àird le seanachaidhean agus luchd-obrach proifiseanta a bhuineas do dh’Albainn Nuaidh. A bharrachd air a bhith ’na tobar feumail bheachdan, brosnachaidh agus deasbaid, rinn a’ bhuidheann seo ceangal eadar an tionnsgnadh agus na daoine ionadail, agus rinn i cinnteach gun d’ fhan e mar iomairt a bha stéidhichte anns a’ choimhearsnachd.

’S e leasachadh iùil-còmhraidh fear do phrìomh phàirtean a’ chiad cheuma. Air a dhèanadh le na feumannan a th’ aig luchd-ionnsachaidh fa-near dhaibh, chaidh an clàr a dhealbhadh gus cainnt nàdarra a bhrosnachadh anns na beulaichean agus gus dèanadh cinnteach gum biodh seasmhachd anns na dòighean-obrach ’s na toraidhean. Aig a’ cheart àm chaidh luchd-labhairt na Gàidhlig a shireadh bho air feadh na Roinn agus chaidh liosta a dhèanadh do dhaoine a dh’fhaodadh a bhith ’nan luchd-tabhartais. Goirid roimh choileanadh ciad cheum an tionnsgnaidh, chaidh trì h-agallamhan a dhèanadh mar mheasadh. A thuillidh air an cuid eòlais agus fialaidheachd, b’ e brosnachadh is togail-inntinn mhór a bh’ ann a bhith a’ faicinn an dioghrais a bh’ aig na ciad bheulaichean: Willie Frisealach, Peadar Mac’Ill-Eathain agus Ailean MacLeòid. Thòisicheadh air dealbhadh airson an ath cheuma do Chainnt Mo Mhàthar, agus chuireadh iarrtas a-staigh airson tuillidh airgid.

Ceum a Dhà:
Ás deaghaidh dhuinn tuillidh airgid fhaighinn bho Phrógram Gnìomhachdan Gàidhlig, thòisich an dara ceum do Chainnt Mo Mhàthar anns an Lùnasdal, 2006, le agallamh tràth air a’ stiùireadh le Goiridh Dhòmhnallach, cànanaiche le deagh chliù ‘s neach-taic Cainnt mo Mhàthar. Dar nach d’ fhuaireadh iarrtasan airson na dreuchd mar neach-clàraidh, thairg Seumas MacBhàtair a sheirbhisean ás leth a’ Chlachain Ghàidhealaich. Bu bheag an t-àireamh a bhiodh na bu chomasaiche airson na h-obrach seo.

Air tàillibh na fialaidheachd seo, chaidh againn air an tionnsgnadh a leudachadh airson beagan sheachdainean. Air tàillibh an ullachaidh a chaidh a dhèanadh mìosan na bu tràithe, b’ urrainn dhomhsa is do Sheumas tòiseachadh air clàradh daoine bho na ceithir siorramachdan uile ann an Ceap Breatuinn. Los gum biodh an luchd-tabhartais eòlach air amasan an tionnsgnaidh agus gus dèanadh cinnteach gun robh iad comhfhurtail a bhith air an clàradh, rinn mi fhìn céilidh orra uile roimh-làimh. A chionn ’s nach robh againn ach glé bheag do dh’airgead an cois a’ phròiseict, ghabh sinn iasad do dh’innealan-clàraidh bhon Chlachan Ghàidhealach los gum b’ urrainn dhuinn an t-àireamh as motha do dhaoine a chlàradh. Gus còmhradh nàdarra a bhrosnachadh agus airson deas-bhriathrachas agus inntinn nam beulaichean a thighinn gu bàrr, rinn Seumas cothrom eadar na cinn-labhairt a chaidh a mholadh leis an iùil-còmhraidh, agus cinn-labhairt a dh’éirich an-àird ann an seanchas. Aig a’ cheann thall, seallaidh an co-chruinneachadh na cinn-labhairt seo an ceann a chéile ann an dòigh a bheir beatha dha. Air dhuinn dara ceum an tionnsgnaidh a chrìochnachadh anns an Fhaoilteach, 2007, chaidh lethbhreac dha ’n agallamh agus saor-dhuais a thoirt dha na fichead luchd-tabhartais.

Air tàillibh an àireimh mhóir do luchd-teagaisg is luchd-ionnsachaidh leis an robh sinn ag iarraidh an co-chruinneachadh seo a riarachadh, chaidh làrach-lìn a dhealbhadh, far am b’ urrainnear na clàraidhean fhaotainn an-asgaidh. Airson turais eile, chaidh iarrtas a chur a-staigh gu Prógram Gnìomhachdan Gàidhlig. Aig a’ cheart àm, bha e soilleir gum b’ fhiach càileachd is luach a’ cho-chruinneachaidh tuilleadh aire agus seilbh a thoirt dha. Mar thoradh air sin, dh’ullaich mi tagradh airson Roinn Dualchas Chanada tron Mhaoin Chachaileith, agus chaidh a chur a-staigh le Comhairle na Gàidhlig cho math ris a’ Chlachan Ghàidhealach. Dh’iarr an tagradh air meudachadh na h-iomairt, Cainnt Mo Mhàthar, le bhith a’ faighinn innealan-clàraidh do chàileachd dreuchdail agus le bhith a’ gabhail a-staigh dà cho-chruinneachadh chudthromach do chlàraidhean: Nòs is Fonn co-chruinneachadh anns a bheil cha mhór ceud òran Gàidhlig a chaidh a chlàradh ann an 2005; agus Mar Bu Nòs Bho Shean, clàraidhean-bhideo do sheanchaidhean a’ togail seanchas a chaidh a ghléidheadh bho ghlùin gu glùn. ’S e an t-amas gun toireadh an tionnsgnadh seachad sealladh ceart do dh’Albainn Nuaidh Ghàidhealaich, mar a thug seanachaidhean co-aimsireil leis, air làrach-lìn a bhiodh freagarrach do luchd-ionnsachaidh ach fhathast ùidheil dha ’n mhór-shluagh gu léir.

Ceum a Trì:Behind the Scenes
Ás deaghaidh mhìosan do chòmhradh, bha Comhairle na Gàidhlig agus an Clachan Gàidhealach air leth toilichte a chluinntinn gun robh an dà iarrtas a chuir iad a-staigh soirbheachail. Anns an Fhaoilteach, 2008, chaidh Shannon NicDhòmhnaill — neach-ionnsachaidh dìoghrasach ás a’ Chladach-a-Tuath — a shuidheachadh mar Cho-Òrdanaiche. Mar Oifigeir Riaghlach Chomhairle na Gàidhlig, bha mi air mo dhòigh cothrom fhaighinn a bhith a’ stiùireadh a’ cheuma mu dheireadh dha ’n tionnsgnadh agus a’ bhith ga giùlain gu h-adhartach as déidh do Shannon fhàgail.

Thòisich Shannon le bhith a’ dèanadh conaltradh le seanachaidhean ann an àireamh do sgìrean Cheap Breatuinn, agus a’ toirt cuireadh dhaibh a thighinn agus pàirt a ghabhail anns a’ cheum mu dheireadh dha ’n tionnsgnadh. Thairis air na mìosan ás deaghaidh sin, rinn i fhéin agus an luchd-clàraidh eile — Seumas MacBhàtair, Eachann MacNeíll, agus Raghnall MacCoinnich — sia clàraidhean-bhideo do dh’fhìor dheagh chàileachd, còmhla ri neach-bhideo dreuchdail, Frank King, a chuireas ri feum agus ùidh a’ cho-chruinneachadh gu mór. Ás a dheaghaidh sin, thòisich an obair throm do dheasachadh na dà fhichead uairean do bhideo anns a’ cho-chruinneachadh. Chaidh Shannon a chuideachadh anns an obair seo leis an fheadhainn anns an Ionad airson Eòlas Cheap Breatuinn aig Oilthigh Cheap Breatuinn. Còmhla ri Comhairle na Gàidhlig agus an Clachan Gàidhealach, thairg an t-Ionad luchd-obrach agus fìor dheagh ghoireasan airson an deasachaidh. Leis a’ chuideachadh seo, chaidh againn air an iomairt a mheudachadh a-rithist, agus chaidh fear-togail-dhealbh dreuchdail fhasdadh. A’ siubhal o Framboise dhan Abhainn Fhrangach agus o Baile a’ Chlamhain “An Gut” do Sheastago, dh’fhoillsich Ryan MacDhòmhnaill a’ mhór chuid de na dealbhan iongantach a tha rim faighinn air an làrach-linn an diugh.

Air feadh a’ cheuma mu dheireadh dha ’n tionnsgnadh, dh’obraich Shannon ‘s mi fhìn, còmhla ri Icon Communications gus ar làrach-lìn a leasachadh. A’ dèanamh cinnteach gu robh i gu bhith furasta cleachdadh, tarraingeach agus fiosrachail. Dh’obraich sinn gu dlùth còmhla ri Seumas MacBhàtair, Catrìona Parsons, Pòl Geadais, Màiri Sìne Parr, Eachainn MacNéill agus feadhainn eile ann a bhith ag ullachadh nan tar-sgrìobhaidhean agus nan eadar-theangachaidhean a th’ againn an-diugh air an làrach-lìn. Coltach ris na ceumannan eile, shireadh aire nam mór-mheadhanan airson an treas cheuma dha ’n tionnsgnadh, leis a’ bheachd gum b’ e dòigh chudthromach agus freagarrach a bha ann an seo airson tabhartas nan seanchaidhean aithneachadh, agus airson ìomhaigh cànain is dualchas nan Gàidheal àrdachadh.

Co-dhùnadh
Bha Cainnt Mo Mhàthar ag amas a bhith ’na h-iomairt a bha freumhaichte anns a’ choimhearsnachd ach le faireachan eadar-nàiseanta. Bho àm a’ sgaoilidh a-mach, tha an tionnsgnadh air fàs agus air a bhith air a leasachadh bho eòlas agus taic móran. Fos cionn a h-uile rud ge-tà, tha sinn fada an comain ar beulaichean agus an cuid fhialaidheachd is eòlais. A dh’aindeoin iad a bhith iriosal, ’s ann a thug iad dhuinn dìleab chultarach is chànaineach do chudrom ionadal, nàiseanta, agus eadar-nàiseanta. Taing dhuibh uile.

right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com