banner
left border

Gàidhealtachd na h-Albann Uir

Aig aon àm, chluinnte Gàidhlig anns na dachaidhean ann an sgìreachdan air feadh cuid mhòir de Chanada. Gu dearbh, nach robh Eilean a’Phrionnsa, Talamh an Eisg, Cuibeig, Ontario agus Manitoba uile uaireigin comharraicte a thaobh àireamh an cuid Ghàidheal. Mar thoradh air a sin, tha an aireamh de Chanadianaich le ceangal sinnsearach dhan chànain gu math aibhseach. An diugh, chan eil sgìre eile taobh a-muigh na h-Alba far a bheil a’Ghàidhlig agus a cuid cultar beò gu cumanta am beatha an t-sluaigh. Tha sgìre Alba Nuadh a nis, air a bhith na dachaigh do choimhearsnachd Gàidhlig airson barrachd na dà cheud bhliadhna.

Biscuits

Tha Gàidhlig na h-Albainn na cànan Cheilteach, mar a’ Chumris agus a’ Bhreatannaich, ’s a tha iad gu dlùth cheangailte ri Gàidhlig na h-Eireann. Anmoch tro na h-ochdamh linn deug agus tràth sa naoidheamh linn deug, dh’in-imirich Gàidheal na h-Alba nam mìltean, a-staigh do dh’Alba Nuadh, mar thoradh air aimhreit shòisealta ‘s ain-fhois eaconamach an dùthaich. Ged nach robh stùthan cosgail idir aca, thug iad traidiseanan ciùil ‘s labhairt a bha seasmhach, prìseal, beartach leotha, a sheasas laidir ri taobh cuid anns na Roinn Eòrpa. Bonnaichte leis a’ chànain, ghabh a’ chultar freumh làidir ann an talamh na h-Albainn Nuaidh ’s i a dh’fàs.

Ceud bliadhna air ais, bha darna leth de mhuinntir aig tuath na sgìre a’ tagairt gum b’ e a’ Ghàidhlig na prìomh cànan a bh’aca, ‘s e sin an cainnt mhàtharail. Mar a thachair, stèidhich na h-in-imrich còmhla, nan teaghlaichean ‘s nan coimhearsnachd agus tha tòrr de cèarnaidhean na sgìre fhathast air an aithnicheadh le daoine le coltasan sinnsearachd, creideamh agus cruinn-eòlas. Air tàilleabh seo, tha dual-chainntean às a’ Gàidhealtachd ‘s nan Eilean fhathast rin cluinntinn, ginealachdan as dèidh do dh’in-imrich-tomadach a tighinn gu crìch.

Tha gach seadh de chultar na Gàidhlig stèidhichte anns a’chànain, ceòl is dannsa. Thairis air na linn, chaidh an dàimh seo a’ghlèidheadh aig cèilidhean eadar chàirdean, choimhearsnachd is chinnidhean. Gach feasgar, agus gu h-àraid feadh nan oidhcheannan fada, dorcha, geamhraidh, rachadh iad air chèilidh nam measg fhèin; rachadh sgeulachdan innse agus òrain agus fìdhlean a sheinn.’S an dòigh seo, chaidh dualchas na Gàidhlig a neartachadh agus a shìneadh bho ghlùin gu glùin anns na gleanntanan coilteach agus cnuic na h-Albainn Nuadh le sneachd air am bàrr.

Mar thoradh mòr air brùthadh sòisealta ’s eaconomach agus cuideam buinaiteach, chunnaic an linn mu dheireadh, crìonadh uabhasach de luchd-labhairt na Gàidhlig, ach air an laimh eile, tha cultar na Gàidhlig a thaobh ceòl ’s dannsa fhathast neartmhor agus marsainneach. O chionn ghoirid, tha àireamh luchd-ionnsachaidh a’ dol am meud gu h-ealamh agus bho chionn ghoirid, thug iarrtas an t-sluaigh brosnachadh do ghrunn iomairtean a chum leasachadh cànain; nam measg, chaidh Oifis Iomairtean na Gàidhlig a stèidheachadh an taobh a-staigh an Riaghaltais.

Troimh na lìnntean, chaidh cànain is cultar na Gàidhealtachd a ghlèidheadh agus a ghabhail os làimh an Albainn Nuaidh. Tha dualchas shaoibhir a’chultair’s a’chànain gar comharrachadh agus a’meudachadh breacan chultaral Chanada. An diugh, tha a’Ghàidhealtachd an Albainn Nuaidh a’leantainn air an dualchas sin a ghleidheadh agus a roinn air an t-saoghal.

Shamus Y. MacDonald

right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com