Sgioba an Tionnsgraidh

Rodney Chaisson Ruairidh Chaisson - Neach-cunndais an tionnsgraidh
‘S e fear-ionnsachaidh na Gàidhlig a th’ann an Ruairidh Chaisson. Tha e air a bhi air leth deanadach, dìleas gus taic a chumail ri ath-nuadhachadh na Gàidhlig an Alba Nuaidh fad treis mhóir a dh’ùine. ‘S ann anns an Acarsaid, Siorrmachd Bhigtoria, a tha àite-còmhnaidh. ‘Na cheann-stiùiridh aig a’ Chlachan Ghàidhealach an Sanndraigh, tha Ruairidh air a bhith an sàs an leasachadh na Gàidhlig bho chionn còrr ‘s deich bliadhna. Air feadh an àma sin, bha e ‘na bhall dìcheallach air Comataidh Leasachaidh na Gàidhlig agus air bòrd-stiùiridh Comhairle na Gàidhlig. Chaidh Ruairidh a bhreith am Baile Phictou agus tha dàimh Ghàidhealach aige an Siorrmachd Antaigeanaish.
 
Ryan MacDonald Ryan NicDhòmhnaill - Ban-dealbhadair
Fhuair Ryan NicDhbmhnaill a h-àrach air a’ Chladach-a-Tuath agus a piuthar na ‘s sine ‘na bun. Thug i amach cùrsaichean an Colaisde na Gàidhlig far an do ghabh i grad gaol air ceòl na pìobadh nuair a bha i ‘na nighinn òig. Fhuair i brosnachadh tràth ‘na h-oideachadh aig fear Fionnladh MacNéill a dh’ionnsaich dhi an t-òran "Ho Rò Mo Ni’n Donn Bhòidheach" an dàrna cuid a bhi ‘ga ghabhail agus ‘ga sheinn air an fheadan. Tha Ryan air a nàireachadh nach eil a’ Ghàidhlig aice ‘ga labhradh, ach tha blas na Gàidhlig ‘na meòir a sheinneas agus tha i moiteil a bhi cluich a’ chiùil ud do dhuine sam bith a bhios toileach a dh’éisdeachd. Tha i air bòid a ghabhail a thilleadh air n-ais gu Eilean Cheap Breatainn mar an sgoilear a ‘s fheàrr aig a’ phiuthar gus a cuid Ghàidhlig a dh’ionnsachadh gu fileantachd mu dheireadh thall. Mar a’ bhan-dhealbhadair an sàs anns an tionnsgradh seo, bha i air leth fortanach dealbhannan a thogail agus a gaol air cultar agus ceòl Gàidhealach a thoirt an glaic-a-chéile anns an aon àm.
 
Shamus Y. MacDonald Seumas Y. MacDhòmhnaill - Fear-stiùiridh an Tionnsgraidh, Ìrean a h-aon, a dhà, 's a tri:
‘S ann a tha pais aig Seumas Y. Dòmhnallach air bheul-aithris, stòiridhean agus eachdraidh nan Gàidheal an Albainn Nuaidh. An deaghaidh dha cheumnachadh ás Oilthigh Naoimh Fhransaidh, thug e an t-Seann Dùthaich air far an do thug e mach Inbhe a’ Mhaighstir an Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Eideann. Tha Seumas ‘na dhuine gnìomhach an coimhearsnachd na Gàidhlig agus gu tric làmh an sàs ann a’ sin gu saor-thoileach. Tha uiread do mheas aige air beul-aithris na Gàidhlig, agus na beulaichean a chumas an àird e, gu bheil e an deaghaidh rannsachaidh móir a dheanadh aig ìrean pearsanta agus proifeiseanta. ‘Na fhear-ionnsachaidh na Gàidhlig e fhéin, bidh Seumas a’ tadhal gu cunbhalach air luchd-seanachais air feadh na mór-roinn. Tha e air a bhi braideachadh air cuspairean mu sheanachas agus eachdraidh nan Gàidheal an Albainn Nuaidh an dàrna cuid do luchd-éisdeachd anns a’ choimhearsnachd agus anns an oilthigh.
 
Shannon MacDonald Seànon NicDhòmhnaill - Neach-stiùiridh, Ire a Trì
Dh’éirich Seànon NicDhòmhnaill suas an Eilean Cheap Breatainn air a’ Cladach-a-Tuath, coimhearsnachd bheag gun ach deichnear air fhichead do dhaoine a’ fuireach ann. Thog i a cuid Ghàidhlig aig aois glé òg. Ghléidh i roinn mhath dhi ‘ga bruidhinn gus a robh i ‘na ban-deugaire a chaidh a chur do thaigh-sgoil ùr air astar uair a thìde air falbh bho ‘n dachaidh. Tha cuimhne mhath aice air a bhi ‘cómhradh le a seanair a bha ‘na ghaisgeach ‘agus ‘na charaid a b’fheàrr dhi ‘s an àm. Thigeadh taosg do luchd-tadhail gus céilidh a dheanamh air a seanair agus bhiodh glainneachan na dibhe a’ leum air a’ bhòrd fhads a ghabhadh iad òrain. Dh’ionnsaich i obair-ciùird nòsach mnathan na coimhearsnachd aig a seanmhair. Ann an saoghal a tha air atharrachadh gu mór bho ‘n uair sin, gura h-iad seo na cuimhneachan ‘s annsa leatha ‘s i a’ deanadh spàirn gus luach nan seann dòighean dearbhte a chumail an cleachdadh.
 
Jim Watson Seumas Watson - Fear-agallaimh, Tar-sgrìobhadh, Eadar-theangachadh
Tha Seumas Watson an deaghaidh a bhi ‘na fhear-tagraidh do dh’ath-nuadhachadh na Gàidhlig an Albainn Nuaidh bho na trì ficheadan ‘s a deich dhe ‘n linn s’ chaidh. Thairis air na bliadhnaichean móra ud, tha Seumas air a bhi cur ri togail cànain agus eólais air stòras cultar na Gàidhlig am measg choimhearsnachdan Gàidhealach an Eilean Cheap Breatinn bho cheann gu ceann. Bhiodh e duilich cunntas a thoirt air uiread do dh’ùine a chosg e an deagh chuideachd ag éirigh air òrain agus a’ deanadh toileachais ri seanachas a chluinnteil. ‘ Na dhuine a tha cleachdte ri beatha tìreil, tha e a’ cheart a cho toilichte a’ siubhail na coilleadh, air neo a bhi ag obair air bàta-iasgaich, ‘s a tha e amach air àrdachadh cultur Gàidhealach Cheap Breatainn an tionalan oideachaidh. ‘S e neach-riaghlaidh an taisbeanaidh an dreuchd a th’air Seumas aig Clachan Gàidhealach na h-Albann Nuaidh an Sanndra, Siorramachd Bhigtoria, an cois Loch Mór nam Barrach. ‘S toil leis a bhi ‘g ràdhainn, “Cha n-eil sìon coltach ris a’ Ghàidhlig mhóir.”
 
Jim Watson Frank King - Fear camara
Rugadh Frank King ann am Bail’- Ath- Cliath , Eirinn. Rinn e inimirich a-steach do taobh an iar Canada ann am meadhan na seachdadan. Chur e dhà no trì bliadhna seachad a sin gus an do ghluais e fhèin ‘s an teaghlach a rithist. B’ ann gu Eilean Cheap Breatainn a bha iad a’ dol, far an robh a’ chuain, na cnuic ‘s na glinn agus gu foilleasach an cultar Cheilteach gan tarrainng ‘s gan dèanamh comhfhurtail. Bha e ag obair airson cha mhor trithead bliadhna na Neach-chamara agus cuideachd na Neach-naidheachd-bhideo airson an companaidh meadhanan CBC. Bhiodh e ag obair ann an àiteachain air feadh an sgìre agus uaireannan, bhiodh e a’ dol gu Siorramachd. A’ Bhaile Mhòr agus Siorramachd Mainisdear cuideachd. A bharrachd air na naidheachdan trom, bhiodh obair Frank a’ sealltainn tlachd na sgìre, a bha rim faighinn leis an dulchas ‘s an cultar Ceilteach. Bha e na phàirt den a h-uile sian, on a bhith a’ dèanamh fuarag aig an Clachan Gàidhealach, fonn slaodach anns a’ Phòn Mhòr, a’ seinn òrain-luadhaidh ann am Baile Iain,no a bhith a’ cluich an giotàr Ceilteach ann an Siùdaig. Cuideachd, bhiodh an obair aige a’ sealltainn an strì a bha dol gus a’ chànain Gàidhlig a’ cumail bèo, oir ‘s i an cànain a chumas a h-uile pàirt ceangailte ri chèile.
 

 

Hector MacNeil

Eachann MacNèill - Fear-agallaimh, Tar-sgrìobhadh, Eadar-theangachadh
Chaidh Eachann MacNèill a bhreith 's a thogail ann am Portage, coimhearsnachd dhùthchail mu dheich mìle air an taobh an iar de Baile Shudnaidh, Eilean Cheap Breatainn. Thàinig ùidh Eachainn 's a' Ghàidhlig thuige bho athair, "Hector Joe" Mac Nèill à Bàgh A' Chaisteil, Siorramachd Cheap Breatainn. ‘S ann tro athair agus tro mhuinntir Bhàgh A' Chaisteil a chaidh Eachann a theannadh ris a' chànan is ris a' chultar. Bha Eachann làmh an sàs an iomadh obair an deaghaidh dha crìoch a chur air an Àrd-sgoil. Ri ùine, lean e air a chuid ionnsachaidh aig Oilthigh Naomh Fransaidh Xavier. ‘S ann 's a' cheud bhliadhna aig an oilthigh a rinn e cùrsa 's a' Ghàidhlig is chuir e roimhe gun tigeadh e gu fileantas anns a' chànan. Chrìochnaich e BA ann an Eòlas Ceilteach aig Oilthigh Cheap Breatainn is thill e an uair sin gu St. FX gus inbhe MA a thoirt amach. On a chrìochnaich e MA aig deireadh nan ceithir ficheadan, tha Eachann air a bhith 'teagasg a' chànain gu sgoilearan aig caochladh aoisean agus ann an iomadh suidheachadh. A bharrachd air teagasg, tha e air seirbheis a dheanamh ann an roinn dh'oifisean aig comannan a bhios cumail taic ri leasachadh na Gàidhlig ann an Alba Nuadh. Tha Eachann na Stiùiriche A' Phrògraim Ghàidhlig aig a' Cholaisde Ghàidhlig, Baile Ban-Naomh Anna, agus tha e cuideachd na bhall dàimhe, pàirt-thìde, aig Oilthigh Cheap Breatainn ann an Sudnaidh.
 
Catriona NicIomhair Parsons - Eadar-theangachadh Catriona NicIomhair Parsons - Eadar-theangachadh
Rugadh Catriona NicIomhair Parsons ann a' Leodhas do theaghlach aig an robh a' Ghàidhlig mar chànain mhathaireil. B'ann aig Àrd-Sgoil MhicNeacail ann a'Steornabhagh agus aig Oilthigh Dhùneideann ann an Albainn a fhuair i a cuid foghlaim. As deidh dhi tighinn a dh'Aimearagaidh a Tuath, rinn i teagasg aig Oilthigh Sheumais Madison ann a' Virginia agus aig Colaisde Dartmouth ann a' Hampshire Nuadh; bhon uair sin, anns a' Roinn Cheiltich aig Oilthigh Naoimh Fhransaidh Xavier, Antigonis, Alba Nuadh; agus a h-uile samhradh ach an t-aon bho 1978 aig Colaisde na Gàidhlig, Ceap Breatainn. Bidh luchd-ionnsachaidh eadar Canada, na Stàitean, Alba agus Seapan a'cur gu feum a'chùrsa aice, Gàidhlig troimh Chòmhradh. Aig an àm seo, tha i na ceannsuidhe do Chomhairle na Gàidhlig, Alba Nuadh. A bharrachd air sin, tha a cuid sgrìobhaidhean, bardachd is rosg, air nochdadh anns na h-ìrisean Gàidhlig, GAIRM agus GATH.

Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh | Aig Baile

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-555-5555 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com