banner
left border

 

 
Mòr NicDhòmhnaill bean-phòsda MhicAonghais
Switch to English
Speakers List
 Sgeir Dhubh, Siorramachd Inbhirnis  Aite Breithe
Mòr NicDhòmhnaill bean-phòsda MhicAonghais
Mòr ni'n Mhurchaidh Dhòmhnaill
Sgeir Dhubh, Siorramachd Inbhirnis

Tha Sadie Mae moiteil fàilte dhan chidsin aice a chur air neach sam bith a thig, agus bidh an tì a’ tarraing cho luath ’s a chì i càr a’ tighinn suas an rathad. Feumaidh am bòrd a bhith air a shuidheachadh gu coileanta, le nèapaiginean pasgte, cupannan is sàsairean, agus trì no ceithir truinnsearan de bhiadh eadar-dhealaichte. ’S e ealain mhionaideach a th’ ann, le duilleagan tì agus an còrr! Tha i ’na cuis-bhrosnachaidh do dhuine sam bith a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus a tha srì ri cothromman fhaighinn a bhith ’ga labhairt. Bha Sadie ’s a bràthair a’ bruidhinn ri chéile sa Ghàidhlig fad bhliadhnaichean ás déidh dha na càirdean aca a’ sgur. Bidh i ag ràdh mur an do chùm i oirre ’ga bruidhinn, cha bhiodh i cho deas-labhrach sa Ghàidhlig agus a tha i an-diugh; bha fhios aice gun tigeadh an là nuair a chuirear luach air a’ chànain a-rithist. Dh’ionnsaich Sadie dhomh iomadach rud mu dé ’s ciall dha bhith ’nad Ghàidheal. Dh’innseadh cuid dha na naidheachdan aice tòrr thùrsan gus nach dìochuimhnich mi. Bidh i ag obair gu foighidinneach còmhla rium, fhad ’s a dh’fheuchas mi ri cuimhneachadh an lìn iomadh-fhillte de dhàimh a tha ’ga thasgadh ’na ceann, a théid air n-ais deich ginealaichean. Bidh mi a’ srì ri cumail rithe, ach cleas a th’ aice ’s e a bhith a’ gabhail naidheachdan san aon dòigh gach turas, agus mar bhàrdachd, tha iad furasda a chuimhneachadh mar sin. Bidh sinn daonnan a’ gàireachdainn a’ cuimhneachadh an àm a bha sinn a’ gabhail dhealbhan dhi. Thàinig Ryan a-staigh le màileid agus an uidheam uile a th’ aice, le trì-chasach mór ’nam measg. Dh’fhaighnich Sadie, “A bheil thu dol a dhèanamh eacarsaich leis an rud tha sin?” - Seànon

Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Samhainn 17, 2006

Total Play Time: 1:01:18

00:19 có i, a’ sloinneadh a bh’ aice, có ás a tha i
03:39 cia mheud a bha ’s an teaghlach
05:08 bha iad ag iasgach
05:45 na sgìrean beaga mu thimcheall air a’ Chladach
08:46 eileanan
09:39-12:20 An taigh-sgoile, Gàidhlig aig an taigh, mar a dh'ionnsaich iad Gàidhlig a leughadh Seallaibh | Éisdibh
14:43-16:57 Oidhche Shamhna, Oidhche Challainn, Àm na Nollaige Seallaibh | Éisdibh
17:17 biadh aig an taigh
17:56 ciamar a bha iad a’ dèanamh ìm, dé am feum a bh' ann
21:03 cia mheud bó a bh' aca, bruidhinn air bainne
22:32 bha a h-athair ag iasgach, am bàta a bh' aige
27:07-29:31 ceann gropaidh Seallaibh | Éisdibh
29:31 slaman, seòrsa bìdh, agus duileasg
33:08 làghan
35:29 stapag
38:34 ainmean/dealbhan
57:00-1:01:18 a’ bheairt, fighe, breabadaireachd Seallaibh | Éisdibh


Sadie Mae MacInnis and Jean MacKay
Agallamh air a dhèanamh le Eachainn MacNìll
Air a clàrachadh le Frank King
Am Màrt 27, 2008

diosg a h-aon
Total Play Time: 37:36

02:03 có th' ann, cà’ bheil iad a’ fuireach
04:35 an taigh aig a’ robh iad a’ fuireach nuair a bha iad òg; na beathaichean a bh' aca
13:04 an stòr bìdh - DB MacLeod's; a’ chiad chàr
18:21-26:25 ag iasgach Seallaibh | Éisdibh
26:28-29:50 Angaidh Thòmais a’ togail chisteachan-laighe; an taigh-faire Seallaibh | Éisdibh
31:31-37:36 seirbhisean eaglaise; 'A’ Cheist' (Là na Ceisteadh) Seallaibh | Éisdibh


diosg a dhà
Total Play Time: 34:40

00:00-05:57 a’ cumail oirre a’ bruidhinn mun eaglais, ùrnaigh, agus cur a-mach an loidhne Seallaibh | Éisdibh
06:00-12:37 coimhearsnaich a’ cuideachadh a chéile; Sadie ag aithris naidheachd; an luadh air a’ Chladach a Tuath Seallaibh | Éisdibh
13:15-18:50 stòiridhean: duine bochd air an luadh; truck an éisg; caileag a’ tighinn a-nuas am fàradh Seallaibh | Éisdibh
19:20 an réiteach fu dheireadh
21:19-24:41 nuair a chaidh taigh Sadie a ghluasad; naidheachd mu na h-uaine Seallaibh | Éisdibh
26:43-34:37 biadh àraid Seallaibh | Éisdibh


right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com