banner
left border

 

 
Èos Peadar Mac’IllEathain
Switch to English
Speakers List
 Baghasdail, Siorramachd Ceap Breatainn  Aite Breithe
Èos Peadar Mac’IllEathain
Èos Peadair mac Theàrlaich 'ic Èois
Baghasdail, Siorramachd Ceap Breatainn

Thogadh seann nàbaidhean Aonghas MacMhuirich agus Èos Peadar Mac’IllEathain ann a MacAdam’s Lake, coimhearsnachd bheag an teis-meadhon Cnoc Bhaghasdail. Ged a dh’fhàg an dithisd aca an t-àite nan inbhich, tha iad a’ leantainn air a’ chiad chànain aca a chleachdadh ri chèile, còmhla ri dualchas an àite agus cuimhne air an nàbaidheachd. Dh’fhàs Aonghas MacMhuirich suas ann an teaghlach de thriùir chloinne deug a rugadh do Dhùghall MacMhuirich’s dha mhnaoi Oighrig Bealag. Bha athair na thuathanach agus a mhàthair na seinneadair iomraiteach a bha air a clàrachadh gu tric. Bha e na fhear de shliochd nan innimrichean a thàinig à Uibhist a Deas, eilean gun mhòran chràobhan; chuir e seachad cuid mhath dh’a bheatha ‘na òige ag obair ‘s a’ choille. Ghluais e mu dheireadh a dhà no thrì mhìltean sios a’ bheinn gu Taobh a Tuath Bàgh an Ear, far na thog e-fhéin 's a bhean an teaghlach aca.

Chuir Aonghas na bliadhnachean seachad ag obair do Ronn an Iomchair air rathaidean mòra air feadh meadhon Cheap Breatainn. An diugh, tha àireamh na cloinne aige ag ionnsachadh na Gàidhlig. Chaidh Eòs Peadar Mac’Illeathain a thogail air baile-fearainn beag faisg air teaghlach MhicMhuirich. Tha cuimhn’ aige air bainnsean a’ sin a mhaireadh sia no seachd làithean. Coltach ri Clann MhicMhuirich, dh’imrich Clann ‘IllEathain à Uibhist a Deas; a-rèir beul-aithris an teaghlaich, ràinig iad Ceap Breatainn ann a 1821. Bha Teàrlach, athair Èois Pheadair, na fhìdhlear 's na shaor. B’fheàrr le mhàthair Caitlin Gàidhlig a bhruidhinn agus bha faclan de dh’àireamh dhe na h-òrain Ghàidhlig aice. Na fhear-ciùil tàlantach, bidh Eòs Peadar a’ cluich air a’ bhainsio, air a’ mhandolan, agus air a’ ghiotàr; ach 's ann mar fhidhlear ann an nòs tradaiseanta Gàidhlig Cheap Breatuinn a dh’aithnichear e nas fheàrr agus thèid iarraidh air cluich fad na h-ùine. As dèidh dha gluasad a dhà no trì mhiltean sios a’ rathad gu Baghasdail, thòisich Eòs Peadar air a bhith a’ cluich gu tric còmhla ri chàirdean 's an àite; bho chionn àireamh bhliadhnaichean, chuir iad a-mach an CD, ‘Back of Boisdale’. Na fhear-taic dìleas do thachartasan Gàidhlig, faodar Mac’IllEathain fhaicinn ag òl tì 's a’ roinn a chuid Ghàidhlig is cìuil air feadh Cheap Breatainn no ge b’e air bith a bheir a rathad air a dhol.
- Seumas

Eòs Peadar Mac'Illeathain (Eòs mac Theàrlaich 'ic Eòis)
Aonghas Curaidh (Aonghas mac Dhùghaill 'ic Aonghais 'ic Mhìcheil Lachlainn)
Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An t-Sultain 26, 2006

Total Play Time: 01:32:05

00:24 có th’ ann, càit’ an d’ rugadh iad, có ás a thànaig iad
09:58-15:36 naidheachd a bh' aig seanmhair Aonghais, ga cur gu Beurla Seallaibh | Éisdibh
15:37 ciamar a bha iad a’ faighinn air n-aghaidh, na ceud daoine a thànaig a-nall
19:45 Locha Màiri Eamain
21:49 an taigh-faire
25:43-27:14 naidheachd aig Eòs Peadar Seallaibh | Éisdibh
28:35 thigeadh an sagart nuair a bha cuideigin tinn
29:05-32:13 a' dol dha ’n eaglais; naidheachd aig Aonghas Seallaibh | Éisdibh
32:14 beòthaichean a bh' aca, bha gàradh aca
34:27 ciamar a bha iad a' gléidheadh a’ bhìdh aca
36:23 cur-seachad na h-ùine, a’ cluich chairtean
40:13 bhiodh mathair Aonghais a’ gabhail òran
41:37-47:27 bha Aonghas ag obair a’s a’ choille, seòrsaichean do chraobhan Seallaibh | Éisdibh
49:45 ainmean air na h-eòin
53:00-55:00 naidheachd aig Aonghas Seallaibh | Éisdibh
55:03 a' bruidhinn mu theaghlach Aonghais, an seann taigh
1:09:19 an teaghlach aig Eòs Peadar, naidheachd aig Aonghas
1:13:10 bruidhinn mu dheidhinn nan seann phìobairean
1:15:49 na dannsaichean
1:18:50 mar a dh'ionnsaich Eòsaph fìdhleireachd
1:22:00 na dannsaichean a bhiodh iad a’ dèanadh
1:25:27-1:31:48 na dòighean a bhiodh ro-fhios aig Aonghas air an t-sìde Seallaibh | Éisdibh


right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com