banner
left border

 

 
Catriona NicNéill bean-phòsda MhicNèill
Switch to English
Speakers List
 Eilean na Nollaige, Siorramachd Ceap Breatainn  Aite Breithe
Catriona NicNéill bean-phòsda MhicNèill
Catriona ni'n Iomhair Mhìcheil 'an Shaoir
Eilean na Nollaige, Siorramachd Ceap Breatainn

B’i a’ Ghàidhlig a’ chiad chànain aig Catriona NicNeìll agus a’ chànain anns a dh’ionnsaich i a bhith ag ùrnaigh. Thogadh i air baile-fearainn faisg air a’ chladach ann an Eilean na Nollaige 's bidh i fhathast a’ bruidhinn na Gàidhlig le caraidean’s nàbaidhean là an diugh. Tha Eilean na Nollaige, a chaidh àiteachadh le inn-imrichean a Barraidh, gu math iomraiteach a thaobh nan ceanglaichean a th’aig an àite do dh’ Albainn. Nuair thadhail Iain Latharna Caimbeul, am fear-tionail ainmeil bheoil-aithris, air a’ choimhearsnachd (1932), dh’innis sagart na sgìre dha gu robh a’ Ghàidhlig aig a h-uile duine na phàrraist. Na màthair do shianar cloinne, 'se boireannach brìoghmhor a th'ann a NicNèill, mar bhall dìleas dhan pharraist' aice agus gu taic a thoirt do rud sam bith a bhios a’ dol air adhart ann an taigh-smàlaidh na coimhearsnachd. Chum i an aire air a’ bhun-sgoil ionadail iomadh bliadhna agus thigeadh i dha na clasaichean-oidhche Gàidhlig an sin gus brosnachadh a thoirt do luchd-ionnsachaidh na cànain. Tha i na bean-taighe fhialaidh, fo shùil fhaicilleach a’ choin aice, ‘s tha i na seanmhair phròiseil do dhusan ogha. ‘S urrainn dhi an taigh-smàlaidh, an eaglais agus an sgoil fhaicinn bho’n sgàil-thaigh aice – iad nan togalaichean a bha cudthromach dhi na beatha.
- Seumas

Agallamh air a dhèanamh le Seumas Watson
Air a clàrachadh le Seumas Y. MacDhòmhnaill
An Lùnasdol 30, 2006

Total Play Time: 1:07:00

00:07 có i, an sloinneadh a th’ aice; thànaig a cuideachd à Barraidh
02:30 taobh a màthar (Annag), cùl Chòbh a’ Bhìobhair
05:37 cia mheud a bha ’s an teaghlach; an seann taigh
09:23-11:24 ’s e tuathanas an obair a bh' aig a’ cuid a bu mhotha, na beòthaichean; ciamar a bha iad a gléidheadh a’ bhìdh aca Seallaibh | Éisdibh
11:54-17:40 bhiodh na fir a' dèanamh bùidsearachd, a' dèanamh maragan, Seallaibh | Éisdibh
19:00 naidheachd aig Seumas
20:09:10-29:08 a' leigeil nam beòthaichean a-mach, 's a' bleoghann; a' dèanamh uachdar, ìm, gruth Seallaibh | Éisdibh
29:10 A’ Ghàidhlig a th’ air “spleen”; fiosachd air a’ gheamhradh a bhios ann
30:30 a’ fàs arbhar agus arbhar Innseanach
30:53-33:48 cheannaich iad flùr a's an stòr; mar a rinn iad bonnach donut: bonnach le toll air a thoirt air a’ bhonnach
34:11 a' dol dha ’n sgoil
36:00 creideamh
38:00 ainmean airson cloinn de dhiofar aoisean.
40:25-44:49 soithichean; a' dèanamh tea; a' dèanamh suipeir Seallaibh | Éisdibh
48:04-52:19 ag iasgach trosg Seallaibh | Éisdibh
52:20 dearcan; soitheachean àrda, ìosal, dubha
53:16-59:30 cearcan 's coilich; taigh nan cearc; a’ creic ùighean; dòighean a nì thu ùighean; pàirtean an ùigh; na h-iseanan faclan maotha airson cloinne Seallaibh | Éisdibh
1:03:20 gabh ris! a’ dèanamh tì


right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com