banner
left border

 

 
Jean NicDhòmhnaill bean-phòsda MhicAoidh
Switch to English
Speakers List
 Sidni, Siorramachd Ceap Breatainn  Aite Breithe
Jean NicDhòmhnaill bean-phòsda MhicAoidh
Jean ni'n Mhurchaidh Dhòmhnaill
Sidni, Siorramachd Ceap Breatainn

Is Sìne piuthair nas òige do Sadie Mae. Rugadh i fhad ’s a bha crith-thalmhainn mhór ann, agus ’s toigh leatha a bhith a’ cantail gum b’ e a teachd-se a chrath an saoghal. Tha e spòrsail a bhith a’ coimhead an dithis aca a’ cabadaich mar as gnàth leotha. Tha Sìne beòthail is ’s toigh leatha a bhith a’ tarraing asad. Tha Sadie fhathast ’na piuthair mhór, ’ga ceartachadh an siud ’s an seo, ach airson na mór-chuid moiteil ás a piuthair bheag airson a bhith cho spòrsail. Tha e brosnachail a bhith a’ faicinn pheathraichean a tha air a bhith eòlach air a chéile fad còrr is trì fichead ’s a deich bliadhna, fhathast a’ gaireachdainn ’s a’ cuimhneachadh na trioblaid anns an d’ fhuair iad iad fhéin nuair a bha iad òg. - Seànon

Sadie Mae MacInnis and Jean MacKay
Agallamh air a dhèanamh le Eachainn MacNìll
Air a clàrachadh le Frank King
Am Màrt 27, 2008

diosg a h-aon
Total Play Time: 37:36

02:03 có th' ann, cà’ bheil iad a’ fuireach
04:35 an taigh aig a’ robh iad a’ fuireach nuair a bha iad òg; na beathaichean a bh' aca
13:04 an stòr bìdh - DB MacLeod's; a’ chiad chàr
18:21-26:25 ag iasgach Seallaibh | Éisdibh
26:28-29:50 Angaidh Thòmais a’ togail chisteachan-laighe; an taigh-faire Seallaibh | Éisdibh
31:31-37:36 seirbhisean eaglaise; 'A’ Cheist' (Là na Ceisteadh) Seallaibh | Éisdibh


diosg a dhà
Total Play Time: 34:40

00:00-05:57 a’ cumail oirre a’ bruidhinn mun eaglais, ùrnaigh, agus cur a-mach an loidhne Seallaibh | Éisdibh
06:00-12:37 coimhearsnaich a’ cuideachadh a chéile; Sadie ag aithris naidheachd; an luadh air a’ Chladach a Tuath Seallaibh | Éisdibh
13:15-18:50 stòiridhean: duine bochd air an luadh; truck an éisg; caileag a’ tighinn a-nuas am fàradh Seallaibh | Éisdibh
19:20 an réiteach fu dheireadh
21:19-24:41 nuair a chaidh taigh Sadie a ghluasad; naidheachd mu na h-uaine Seallaibh | Éisdibh
26:43-34:37 biadh àraid Seallaibh | Éisdibh


right border
 

Na Beulaichean | Eachdraidh an Tionnsgraidh | Sgioba an Tionnsgraidh | Gàidhealtachd na h-Albann Ùir | Ceanglaichean | Conaltradh

© Comhairle na Gaidhlig | Na Còirichean Uile Gléidhte
Cuiribh fón ugainn aig airson barrachd fiorachaidh 1-902-725-2272 Air neo cuiribh post-dealain gu: info@cainntmomhathar.com